|  | 
            
              |  |  
              |  | 
                  
                    | 
                      
                            | 
                              
                              An Cuilitheann    EARRANN V Chuala mi gum facas bristeadhagus clisgeadh air an fhàire,
 gum facas ròs dearg ùrail
 thar saoghal brùite màbte;
 chuala mi mu Abhainn Chluaidh
 a bhith air tuar na càrnaid;
 chuala mi mu MhacGill-Eain
 bhith deanamh ceangal neo-bhàsmhor
 air gach cridhe agus eanchainn
 le meanmnachd thar cràdhlot.
 Chunnacas manadh mòr is uilebheist,an t-Àigeach a’ sitrich air a’ Chuilitheann,
 èirigh nan creagan a bha builgeadh,
 air an tug an spiorad tulgadh.
 Bha roghainn nan each mòra creagach
 a’ bocail air Sgùrr a’ Ghreadaidh,
 leum an Eist mhòr fhiadhaich
 tarsainn iomallan nan crìochan;
 chuir e chas air Sgurra nan Gillean
 ’s e prannsail air bàrr a’ Bhidein,
 leum e le lùths an àrdain
 o Sgurra na h-Uamha gu Blàbheinn
 agus o Bhlàbheinn thug e gàmag
 gu mullach adharcach na Gàrsbheinn;
 gheàrr e boc dhe Sgùrr an Fheadain
 ’s e fàgail uamhaltachd na creige
 gus an d’ ràinig e ’n càthar,
 a stamp e mar aon pholl-dàmhair.
 Siud ort fhèin, Àigich lùthmhoir,
 prannaidh tu bùirdeasachd nam fùidsean,
 nì thu sìnteag thar na mòintich;
 chan eil thu tuilleadh air an òtraich:
 chan eil thu nis ’nad thruaghan gearrain;
 chaill na boglaichean am mealladh.
 
                                
                                  |  | Eich mhòir a’ chuain,mo ghaol do ghruaim;
 eich mheanmnaich
 an t-seana chinn chruaidh:
 eich ghlais sgiamhaich
 nan slios riabhach,
 Eist mhòr fhiadhaich,
 b’ thu riamh ar luaidh.
 Àigich Sgitheanaich,’s tu air mo bhialaibh,
 mo roghainn iadaich
 is m’ iargain dùil:
 a steud nan cuantan,
 ’s tu th’ air mo bhuaireadh,
 ’s mo chridhe luaineach
 led luasgan shùl.
 Eich mhòir ghaolaichna muinne craobhaich,
 chual’ thusa faochadh
 a’ Chaogaich chais:
 eich mhòir nan tonn,
 a mharcachd shonn,
 chual’ thu fonn
 Maoil Duinn nan gath.
 Àigich ghairbh,chual’ thusa stoirm
 is glaodhaich gairm
 duis fhoirmeil bhrais
 o Phàdraig Mòr
 ’s o Phàdraig Òg:
 an gaol ’s am bròn
 ’s a’ phròis mhòr ait.
 Eich mhòir na fàire,mo chridhe gàire,
 chual’ thu àrdan
 an t-sàr-fhir chòir:
 chual’ thu MacMhuirich
 od bhaideal munaidh,
 chual’ thu ’n curaidh
 dhan tugadh seòl.
 Eich ghlais iargalt,chual’ thu ’n t-sianail
 nuair thàinig stialladh
 le bliadhna mhòir:
 chual’ thu MacCaluim,
 an gaisgeach allail,
 is dà Stiùbhart
 le lasair mhòir.
 A luaidh fàire,a ghaoil nan àrd bheann,
 m’ eudail sgàile,
 mo ghràdh do lì:
 a chearcaill mullaich
 nan saoi ’s nan curaidh,
 a bheanntan ulaidh,
 cha sguir bhur strì.
 A dhòchais na h-Albann,togaidh ’n dallabhrat
 a tha cho marbhteach
 le arraghloir lùiths:
 a spèis na h-Eòrpa,
 thig an còmhnadh,
 an lasair bheò-dhearg
 a sgriosas smùr.
 Chithear an Cuilitheann’na iolair iomaluath,
 ’na leòmhann suilbhir,
 ’na bheithir dheirg;
 chithear Alba
 ’na slios geala chrios,
 ’na teine falbhaidh,
 air magh ’s air leirg.
 
 |  ’S fhada, cian fada,’s fhada an dìreadh,
 ’s fhada slighe a’ Chuilithinn
 is cunnart bhur strì-se;
 ’s fhada ’n streap ris na slèibhtean,
 ’s ioma euchd a tha dhìth orr’,
 ’s cruaidh spàirn ris na creagan;
 ’s goirt a’ charachd ’s an sgìths ud.
 Mòr am blàr is na creuchdantha an èirig na h-Eòrpa;
 cruaidh an gleac iomagain
 tha an tuigse na còrach;
 cian fada ’n imcheist
 is iomaluas na breòiteachd,
 fada ’n oidhche ’s a h-iargain
 mun tig grian dhearg òraidh.
 Fada, ach thig i,’s ann dhuinn thig an òr-ghrian;
 èiridh an Cuilitheann
 gu suilbhir ’na ghlòir geal;
 ged as searbh dhuinn an oidhche
 chuir an loinneas fo sgleò dubh,
 ’s ann a bhristeas a’ mhadainn
 air baidealan glòrmhor.
 Cruaidh càs na Sìne,nan Innsean ’s na h-Albann,
 searbh call na Spàinne,
 àrainn nam mòr mharbh;
 cruaidh càs na h-Eadailt,
 na Gearmailt ’s na Frainge,
 is uachdarain Shasainn
 a’ cur am bochdan fo ghanntachd.
 Tha Ó Conghaile an Èirinnag èirigh thar àmhghair,
 MacGill-Eain an Albainn
 ’na chalbh air na h-àirdean,
 Liebknecht sa Ghearmailt
 marbh ach neo-bhàsmhor,
 is Lenin an Ruisia,
 ceann-uidhe nan sàr-bhreith.
 
 
                                
                                  |  | *Ma chuireadh crìochan ro neachAch iad a chuir e fhèin,
 Dhan fhàire far an ruigear iad
 Cha tug aon neach a cheum.
 ’S ma tha mhòr-chuid gu faingte teann,A’ leantainn slighe crìon,
 ’S e ’n leisg fhann fhèin as coireach air,
 An lùths cha dhearbh iad fìor.
 ’S fheàrr leo ’n t-seasgaireachd na ’n treòir,Buigead thar stàilinn bhuadh,
 Is dùintean beaga moraltachd
 Os cionn nam beann bith-bhuan.
 Mullach an t-saoghail a’ chlach lom;Is èiginn neach cur dheth
 Na ghabhas, agus sin gach eile,
 Mum bi an àird ’na bheachd.
 
 * Eadar-theangaichte bhon Bheurla aig MacDhiarmaid
 |  |  
                        |                                 * * *
 
 
 Sgrùd 
                              liosta nan dàn a rèir na h-ama
 Sgrùd 
                            liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil 
 |  
                      
                      
                     |  |  |  
              |  |  
 |  |