’S iomadh neach aig a bheil cuimhneachan air Somhairle MacGill-Eain; an teaghlach, caraidean, sgoilearan a bha e a’ teagasg, sgrìobhadairean, muinntir Ratharsair, nàbaidhean às An Eilean Sgitheanach, às A’ Phloc, à Dùn Èideann, cluicheadairean iomain a bha eòlach air agus mòran, mòran eile. Ge bith càite an dreachadh Somhairle no ge bith cò ris a thachradh e, bhiodh cuimhn’ ac’ air gu bràth tuilleadh. Tha Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne an dòchas cuimhneachain a chruinneachadh bho na daoine a bha eòlach air a’ bhàrd aig diofar amannan na bheatha agus a bhiodh deònach na cuimhneachain sin a thoirt dhuinn.
Tha stuth airson an earrainn seo fhathast ga chuir ri chèile agus thig e am follais ann an ùine.