Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne
Bàrdachd
separator
 
Eachdraidh-beatha Bàrdachd Sgrìobhaidhean Lèirmheasach Leabhar-chlàr Companaich Litreachail eadar-nàiseanta Foillsichidhean Duaisean agus Urraman Clàr-eachdraidh
img
Urras Shomhairle
An t-Urras
Eachdraidh
Na h-Urrasairean
Obair an Urrais
Bòrd Stiùiridh
Partners Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Sabhal Mòr Ostaig Scottish Arts Council Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig
Naidheachd Gailearaidh Meadhanan Mapaichean Cuimhneachain

Companaich Litreachail

Bha Somhairle MacGill-Eain eòlach air agus na charaid do ghrunn sgrìobhaichean is sgoileirean, aig an robh buaidh air oideachadh
inntleachdail agus, cuid aca, air a chuid sgrìobhaidh a’ bharrachd. Bheir an earrann seo iomradh air na ceanglaichean eadar am bàrd agus na prìomh chompanaich litreachail a bh’ aige thairis air na bliadhnaichean. Bheir an earrann cunntas cuideachd air cuid de na daoine a thug buaidh air Somhairle MacGill-Eain nuair a bha e na dhuin’ òg anns an Oilthigh an Dùn Èideann agus goirid an dèidh sin. Bidh tuilleadh fiosrachaidh ga chur ris an earrann aig diofar ìrean. Bidh bun-nòtaichean slàn gan cuir ris a’ bharrachd, agus mion-fhiosrachadh mu na prìomh àiteachan, foillsichte agus neo-fhoillsichte, às an d’ fhuaireadh eòlas mu gach neach a th’ air a liostadh.

George Elder Davie (1912-2007)

'
Rugadh George Davie an Dùn Dèagh an 1912, agus bha e a’ frithealadh Àrd-sgoil Dhùn Dèagh mus deach e air adhart gu Oilthigh Dhùn Èideann a dhèanamh Feallsanachd.  Sin far an do thachair Somhairle MacGill-Eain ri George Davie an toiseach, an teirm an t-samhraidh 1933.  Goirid an dèidh sin, choinnich Somhairle MacGill-Eain ri caraid do George Davie, J B Caird, agus bha an triùir fhear nan deagh chompanaich bho sin a-mach.

 Bha buaidh chudromach aig an dithis fhear air a’ bhàrd òg agus ’s ann tro George Davie a fhuair Somhairle MacGill-Eain eòlas air Ùisdean MacDhiarmaid. Bha Somhairle MacGill-Eain den bheachd gun robh deagh bhuaidh aig George Davie agus J B Caird air a’ bheatha.  Sgrìobh e fhèin mu George Davie gun robh ‘fìor eòlas aige air gach nì a bhuinneadh do dh’ Alba, agus gun robh ùidh bhunaiteach aige ann an smaoineasan agus gun robh fiosrachadh farsaing aige’.  Anns an aiste aige, ‘Sorley MacLean: a Personal View’(Sorley MacLean: Critical Essays), tha J B Caird a’ toirt iomradh mionaideach air na coinneamhan a bh’aca aig an àm sin, agus brìgh nan deasbad a bhiodh aca.

An dèidh làimhe, bha George Davie na òraidiche feallsanachd an Oilthigh Dhùn Èideann, agus b’ e fear de na smaoinichean agus de na feallsanaich a bu chliùitiche an Alba. Chaidh a phrìomh shaothair, The Democratic Intellect, fhoillseachadh an 1961, agus bha buaidh mhòr aig a smaoineasan agus aig a sgoileireachd feallsanachail air sgrìobhaichean, luchd-teagaisg, agus smaoinichean na h-Alba, agus gu ìre mhòr tha an dòigh anns an deach deamocrasaidh, agus foghlam agus cultar an òrdachadh an Alba an urra ris. Bha buaidh aig sgoileireachd feallsanachail George Davie cha b’ ann a-mhàin air muinntir a’ dhùthaich fhèin - sgaoil a chliù air feadh an t-saoghail gu lèir. An 1986, dh’ fhoillsich George Davie an dàrna prìomh obair aige The Crisis of the Democratic Intellect. An dèidh a dhreuchd an Oilthigh Dhùn Èideann a leigeil bhuaithe, bha George Davie agus a bhean, an sgrìobhaiche Elspeth Davie, a chaochail mòran bhliadhnaichean roimhe, a’ fuireach an Dùn Èideann. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh de bheatha ghluais e a Wiltshire far an robh an nighean aige a’ fuireach. Chaochail George Davie air 20mh Màirt 2007, aig ceithir fichead agus còig bliadhn’ deug a dh’ aois. Anns an umhlachd-bàis dha a sgrìobh an t-Àrd-Ollamh Lindsay Paterson anns an Herald (29mh Màirt 2007) thuirt e, ‘Bha George Davie air fear den bhuidheann bheag sin de sgoileirean Albannach a dhealbh an dòigh anns a bheil an dùthaich ga faicinn fhèin. ….Le bhith a’ teagasg agus a’ sgrìobhadh, rinn e cinnteach gum biodh dualchas na bu shinne agus na bu chliùitiche air fhàgail againn – bha e den bheachd gur e neart inntleachdail, air a chleachdadh nas farsainge na tha e coltach a ghabhas dèanamh anns an latha th’ ann - an aon dòigh anns am bi bunait thèarainte aig deamocrasaidh.’

 

JAMES  BOWMAN CAIRD (1913-1989)

Thachair Somhairle MacGill-Eain agus J B Caird nuair a bha Somhairle MacGill-Eain a’ trèanadh gu bhith na thidsear ann am Moray House, agus J B Caird na oileanach anns an dàrna bliadhna an Oilthigh Dhùn Èideann. B’ e an deagh charaid aig J B Caird, an t-oileanaich òg feallsanachd George Davie, a thug an dithis fhear còmhla. Tha cunntas glè mhionaideach mun chàirdeas a bha eatarra ri fhaighinn anns an aiste aig J B Caird ‘Sorley MacLean: a Personal View’ (Sorley MacLean:Critical Essays). Nuair a thachair J B Caird ri Somhairle MacGill-Eain an toiseach, dh’ aidich e, a’ bharrachd air an ùidh a bh’ aige ann an sgoilearachd, gun do shaoil e gur e Gàidheal a bh’ ann gu chùl agus fear aig an robh faireachdainnean làidir sòisealach. Bha e am beachd gur e fìor dhuine onarach a bh’ ann aig an robh treibhdhireas inntleachdail, ach, aig an aon àm, bha an nàdar aige ro earbsail agus ro fhialaidh. Rinn e dealbh den Bhàrd òg mar seo: ‘Ann an cuideachd bhiodh e na shuidhe sàmhach, a’ bruadar mu rud air choireigin (cha robh ùidh aige ann an còmhradh gun seadh), gus an canadh cuideigin facal no dha mu cuspair a ghlacadh aire. Dh'èireadh e gu chasan, thigeadh dealradh na shùilean, dhortadh sruth de chànan brìghmhor, ceòlmhor bhuaithe: bhiodh e air a ghreimeachadh le nàdar de chuthach dhraoidheach.’ A’ sgrìobhadh mun deagh bhuaidh a bh’ aig J B Caird agus George Davie air, thuirt Somhairle MacGill-Eain mu Chaird: ’S e duine air leth, tha mi a’ smaoineachadh a bh’ ann an Caird, mar a thuirt mi, an dà chuid a thaobh litreachais agus rud ris an canainn-se mothachas’. Bhiodh na deasbadan litreachail aca a’ ruith air bàrdachd Ghreugach, Laideann, Fhrangach, Bheurla agus Albais, agus air saothair bhàird leithid Yeats, Eliot, Valèry, Pound, Lawrence, MacDhiarmaid agus a’ bhuidheann MacSpaunday a bha a’ tòiseachadh ri tighinn am bàrr (Auden, MacNeice, Spender and Day Lewis, mar a bh’ aig an luchd-càinidh orra), ach mar a dh’ aidich Caird, ‘ Mar bu trice bha sinn a’ tilleadh gu MacDhiarmaid agus gu Yeats, oir bha sinn gu sònraichte measail air an obair aca.’

Thadhail J B Caird air an Eilean Sgitheanach anns an Ògmhios 1935 agus, fhad ’s a bha e an sin, thadhail e air dachaidh Shomhairle MhicGill-Eain an Ratharsair, an dèidh do dh’ athair Shomhairle MhicGill-Eain agus feadhainn de na caraidean aige a thoirt a-null le eathar às A’ Bhràighe. Air an fheasgar sin, ann an Ratharsair, bha e an làthair aig cèilidh an dachaidh seanair Shomhairle MhicGill-Eain agus sgrìobh Caird mu dheidhinn: ‘Chaidh an oidhche seachad le òrain agus sgeulachdan, agus bha mi gam mheas fhèin fortanach a bhith ann. ’S e sealladh a bh’ ann de dhòigh-beatha, de chultar, a bh’ air maireachadainn a dh’ aindeoin gach cumhachd a bha nàimhdeil dha, fad linn nan linntean.’ Lean an càirdeas eadar Somhairle MacGill-Eain agus J B Caird an Dùn Èideann far an robh an dithis aca a’ teagasg, agus bhiodh Caird a’ cuimhneachadh mar a bhiodh Somhairle MacGill-Eain a’ leughadh a-mach do na Cairds na dàin aige, a bha fhathast gun fhoillseachadh, anns am flat aca anns a’ Bhail’ Ùr. Dhealaich an slighe aig àm a’ Chogaidh, ach thachair iad a-rithist nuair a bha Somhairle MacGill-Eain a’ teagasg an Dùn Èideann agus J B Caird am Peebles. An dèidh làimhe, thàinig iad tarsainn air a chèile a-rithist nuair a bha Somhairle MacGill-Eain na Cheannard air Àrd-sgoil A’ Phluic agus J B Caird na bhall de Luchd-Sgrùdaidh Sgoiltean airson Ròis agus Chrombaigh. Nuair a leig e dheth a dhreuchd, chaidh J B Caird agus a bhean Janet, a dh’ fhuireach a dh’ Inbhir Nis. Mhair an càirdeas fad am beatha, agus a dh’ aindeoin na choisinn Somhairle MacGill-Eain de dh’ aithne oifigeil bho na 1970an, sgrìobh Caird, ‘ am feadh gach nì, tha e air a threibhdhireas a ghleidheadh – agus tha mi a’ cleachdadh an fhacail ann an seagh fàbharach – a shìmplidheachd ionmholta.


Ùisdean MacDhiarmaid (1892-1978)

Rugadh Ùisdean MacDhiarmaid,  Christopher Murray Grieve, air an 11mh den Lùnastal 1892 an Langholm.  Bha athair ris a’ phostaireachd a-mach air an dùthaich.  Chaidh fhoghlamachadh an Acadamaidh Langholm, agus cha robh e ach glè òg nuair a thàinig e fo bhuaidh fhear de na tidsearan aige, Francis George Scott, an sgrìobhaiche ciùil.  Fhuair Somhairle MacGill-Eain eòlas air a’ chuid obrach an toiseach tha e coltach, tro na caraidean aige J B Caird agus George E. Davie, a sheall dha an dàn aig MacDhiarmaid, ‘A Drunk Man Looks at the Thistle’.  Bhiodh J B Caird a’ cuimhneachadh mar a chuir an triùir aca seachad feasgar an dara cuid an taigh-loidsidh Shomhairle MhicGill-Eain no an taigh-loidsidh George Davie a’ leughadh agus a’ deasbad mun dàn.  B’ann còmhla ri George Davie an uair sin a thachair Somhairle MacGill-Eain ri Ùisdean MacDhiarmaid anns an Rutherford Bar air Drummond Street, a bha na àite-tathaich aig Robert Louis Stevenson, anns a’ Mhàigh 1934  nuair a bha Somhairle MacGill-Eain a’ cur crìoch air oideachadh aig Moray House.  Lean an càirdeas sin gun do chaochail MacDhiarmaid an 1978.  Mun t-àm an do thachair iad, bha MacDhiarmaid air ùidh a ghabhail mar tha ann am bàrdachd Ghaidhlig agus, gu sònraichte, anns a’ bhàrdachd aig bàrd Seumasach na 18mh linn, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair.  Ann an litir a sgrìobh e à Ratharsair air 27mh Iuchar 1934, a tha glèidhte an Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann, tha Somhairle MacGill-Eain ag innse do dh’ Ùisdean MacDhiarmaid gu bheil e air crìoch a chur air eadar-theangachadh de ‘Beinn Dòbhrain’ le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air ‘Moladh Mòraig’ le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, agus gun robh e a-nis trang ag eadar-theangachadh ‘Birlinn’ le Mac Mhaighstir Alasdair.

An ath bhliadhna, ghabh Somhairle MacGill-Eain ri cuireadh bho Ùisdean MacDhiarmaid e thighinn a thadhal air an Whalsay, agus rinn e sin aig deireadh an Iuchair agus toiseach an Lùnastail 1935. Goirid an dèidh sin dh’ fhàs MacDhiarmaid meadhanach agus thugadh dhan ospadal e ann am Peairt. Bho litrichean glèidhte an Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann, tha e soilleir gun do dh’ fhiathaich Somhairle MacGill-Eain MacDhiarmaid gus tadhal air na dhachaidh an Ratharsair, agus thadhail MacDhiarmaid air mu dheireadh an 1937 còmhla ri W D MacColl. Chuir an dithis fhear seachad oidhche an Ratharsair còmhla ris an teaghlach aig Somhairle MacGill-Eain, agus an uair sin chaidh iad a Phort Rìgh a chur an deireadh-seachdain seachad an cuideachd Shomhairle MhicGill-Eain mus deach iad a Bharraigh a choimhead air Compton MacKenzie oir bha MacDhiarmaid a’ cruinneachadh stuth airson a leabhair, The Islands of Scotland. Tha beachd Shomhairle MhicGill-Eain air buaidh MhicDiarmaid ioma-fhillte. Ann an litir gu Douglas Young an 1941, sgrìobh e: ‘Dh’ aithnich mi anns a’ mhionaid gun robh na lìricean Sangschaw agus Penny Wheep barraichte …. Chaneil dad air an t-saoghal coltach ris an fheadhainn as fheàrr de na lìricean sin’. Dh’ aidich e gun robh ‘buaidh uamhasach aig na lìricean thràth aig MacDhiarmaid orm’, ach aig an aon àm, sgrìobh e, ‘Cha chanainn gun robh cus buaidh aig na lìricean sin aig Ùisdean MacDhiarmaid air mo bhàrdachd fhèin ged a bha seòrsa de bhuaidh brosnachaidh aca ….’ An àit’ eile, sgrìobh e. ‘bha mi air mi fhèin a cheangal ri bàrdachd Ghàidhlig mus do leugh mi aon dàn le MacDhiarmaid’. Lean càirdeas dlùth eadar an dithis fhear ged a bha astar-tìre ga dhèanamh doirbh dhaibh coinneachadh ro thric an dèidh do Shomhairle MacGill-Eain gluasad dhan Phloc. Sgrìobh MacDhiarmaid facal airson còmhdaich a’ chiad clàradh foillsichte de Shomhairle MacGill-Eain a’ leughadh a bhàrdachd fhèin, Barran agus Ashbhuain, an 1973, agus thadhail MacGill-Eain air a’ bhàrd na dhachaidh am Brownsbank, faisg air Biggar, anns a’ Ghearran 1977. Bha a-nis briseadh air tighinn air slàinte MhicDhiarmaid, agus nuair a chaochail e air 9mh den t-Sultain 1978, sgrìobh Somhairle MacGill-Eain iomradh-bàis drùidhteach dha, ‘Lament for the Makar’, anns an Times Educational Supplement air 15mh den t-Sultain 1978.

 

Robert Garioch (1909-1981)

'
Thachair Somhairle MacGill-Eain ris a’ bhàrd, Robert Garioch, nuair a bha e na oileanach an Oilthigh Dhùn Èideann.  Chaidh Robert Garioch Sutherland, a chleachd an t-ainm Robert Garioch nuair a bha e a’ sgrìobhadh, fhoghlamachadh anns an Àrd-sgoil Rìoghail, an Dùn Èideann, agus an Oilthigh Dhùn Èideann.  An dèidh làimhe, nuair a thill e a Dhùn Èideann an 1937 a theagasg an Àrd-sgoil Bhoroughmuir, dh’ ath-nuadhaich e an càirdeas le Garioch. 

Thug Garioch cuireadh dha  gu coinneamhan seachdaineil de bhàird a bhiodh a’ tachairt anns an Abbotsford Bar air Rose Street.  Tha J B Caird, caraid eile do Shomhairle MhicGill-Eain, ag innse mar a thachair e ri Robert Garioch anns an oifis aig Freeman aig mullach nan India Buildings anns an West Bow an Dùn Èideann, agus mar a bha a charaid George Davie air iomradh a thoirt air tidsear òg à Dùn Èideann d’am b’ ainm Sutherland, a bha a’ dèanamh feum èifeachdach bàrdail de chainnt shràidean Dhùn Èideann’.   Bha clò làimhe aig Robert Garioch dha fhèin agus bhuaithe nochd bileag thana le Somhairle MacGill-Eain agus Robert Garioch, 17 Poems for 6d, leis an deit 1940.  B’ e seo a’ chiad foillseachadh bhon chlò aig Robert Garioch.  Chaidh Seventeen Poems for Sixpence, an dàrna lethbhreac, le ceartachaidhean, fhoillseachadh an dèidh beagan sheachdainean.  Anns an Dàrna Cogadh Mòr, ghabh Robert Garioch anns an arm, agus bha e na phrìosanach anns an Eadailt agus anns a’ Ghearmailt eadar 1942 agus 1945.  Bha e a’ teagasg an Dùn Èideann airson greis, ach chuir e seachad a’ mhòr-chuid na dhreuchd an ceann a deas Shasainn, ann an Lunnainn agus an Kent.  Thill e Dhùn Èideann nuair a leig e dheth a dhreuchd an 1964.

Dh’ aidich J B Caird nach robh an càirdeas eadar Somhairle MacGill-Eain agus Garioch cho dlùth ris a’ chàirdeas inntleachdail a bha eadar e agus MacDhiarmaid, ach gun robh meas agus spèis aca dha chèile agus gun robh iad a’ cur luach air a chèile.  Aig aon ìre, bha Garioch a’ smaoineachadh gun robh an dithis bhàrd neo-chionteach ann an seadh poilitigeach, agus ann an litir gu Sidney Tremayne air 15mh den Lùnastal 1977, sgrìobh e gun robh MacDhiarmaid, na bheachd-san mar ‘ uan clòimhe, agus Somhairle MacGill-Eain a’ bharrachd, inntleachdach gun teagamh, ach cho bog a thaobh faireachdainnean agus gu bheil iad a’ treigsinn smaoineachadh nuair a tha na faireachdainnean aca a’ gabhail thairis …’  Mar bhàrd, bha dàimh àraid aig Robert Garioch ris a’ bhàrd, Robert Fergusson, a bhuinneadh do Dhùn Èideann agus a bha beò anns an 18mh linn.  Cha do sgrìobh e ach aon phìos rosg, Two Men and a Blanket (1975): agus nochd na Collected Poems aige an 1977 agus The Complete Poetical Works, deas. Robin Fulton an 1983, agus an 2004 Robert Garioch. Collected Poems, deas Robin Fulton, agus tha seo a’ dol air ais buileach chun an dòigh anns an do dh’ òrdaich Garioch a dhàin fhèin.


Sydney Goodsir Smith (1915-1975)

'

’S ann tro Robert Garioch a thachair Somhairle MacGill-Eain ri Sidney Goodsir Smith an 1939, mar fhear de na bàrd a bha a’ tathaich an Abbotsford Bar air Rose Street an Dùn Èideann.  Thàinig iad gu bhith nan deagh charaidean dha chèile.  Bha athair Sydney Goodsir Smith à New Zealand agus ’s ann aige bha Cathair Meidigeach Foireansach an Oilthigh Dhùn Èideann, agus bha a mhàthair à Alba.  Nuair a bha e òg, chaidh Goodsir Smith fhoghlamachadh ann an Colaisde Malvern  agus thòisich e air a’ chùrsa meidigeach an Oilthigh Dhùn Èideann. 

Ach cha robh corp-eòlas practaigeach a’ tighinn ri chàil, agus mu dheireadh dh’ fhàg e an cùrsa meidigeach an Dùn Èideann agus chaidh e gu Oriel College an Oxford mun do thill e Dhùn Èideann.  Phòs Somhairle MacGill-Eain an 1946, agus an dèidh pòsadh bha e fhèin agus a bhean Renee nan dlùth charaidean do Sydney Goodsir Smith agus a bhean agus bha an dà theaghlach a’ fuireach anns an aon taigh an Craigmillar Park airson mu ochd miosa deug mus do ghluais Clann MhicGill-Eain gu Atholl Place.  Sgrìobh Sydney Goodsir Smith mun àm a bha seo an Under the Eildon Tree (1948).  Aig an àm seo cuideachd bha Somhairle MacGill-Eain gu mòr an lùib beatha litreachail Dhùn Èideann, agus bha e fhèin agus Sydney Goodsir Smith gu tric an cuideachd a chèile.  Tha J B Caird ag innse uair sam bith a choinnicheadh e ri Somhairle MacGill-Eain aig an àm seo, gun robh e làn sgeulachdan èibhinn mu dhèidhinn a charaid, ‘The Auk’, am far-ainm a bh’ air, agus tha e ag innse mar a bha na dòighean annasach agus an còmhradh eirmseach aig Goodsir Smith a’ cordadh cho math ri Somhairle MacGill-Eain.  B’ e Skail Wind (1941) a’ chiad leabhar aig Goodsir Smith , agus an 1947 dh’ fhoillsich e Carotid Cornucopius mu dhèidhinn cò ris a bha e coltach a bhith a’ fuireach an Dùn Èideann an 1947.

 

Douglas Young (1913-1973)

'

Rugadh Douglas Young an Tayport, am Fìobhe, air 5mh den Ògmhios 1913, agus chuir e seachad bliadhnaichean òige anns na Innseachan far an robh athair an sàs an obair an jute.  Chaidh fhoghlamachadh an sgoil Merchiston  Castle, agus an dèidh sin rinn e na Clasaigean an Oilthigh Chill Rìmhinn agus an New College, Oxford. An 1938 chaidh e mar òràidiche ann an Greugais gu Oilthigh Obar Dheathain.

Bho 1940, bha e fhèin agus Somhairle MacGill-Eain a’ sgrìobhadh gu chèile, agus beagan mhìosan mus deach e a-null thairis dhan Chogadh an 1941, dh’ inns Somhairle MacGill-Eain ann an litir gu Ùisdean MacDhiarmaid gun robh e air a dhàin fhàgail aig Douglas Young an Obar Dheathain agus aig Iain MacDhòmhnaill, a bha na òraidiche an Roinn na Ceilteis an Oilthigh Obair Dheathain. Anns an lethbhreac aige de Dàin do Eimhir (2002) tha Crìsdean Whyte a’ toirt cunntas mhionaideach air na litrichean mu thimcheall mar a bha Young a’ dèanamh deasachadh air na dàin airson am foillseachadh. Chaidh Douglas Young a chur dhan phrìosan an 1942 seach gun robh e, uair is uair, a’ cur an aghaidh gu poblach ùghdaras Riaghaltas Bhreatainn daoine a thogail dhan arm an Alba. Agus fhads a bha Young anns a’ phrìosan ghabh an t-Urr. Iain MacEacharna air fhèin cùram nan dàn fhoillseachadh. Ach fhad ’s a bha e anns a’ phrìosan chaidh aig Douglas Young air leantainn air na dàin aig Somhairle MacGill-Eain eadar-theangachadh gu Albais, agus chaidh am foillseachadh an Auntran Blads an 1943. Ann an litir a sgrìobh Douglas Young gu Somhairle MacGill-Eain air 21mh den Ghiblean 1943, tha e ag ràdh ris gu bheil e na bhàrd barraichte Gàidhlig. Bha Somhairle MacGill-Eain a’ saoilsinn mòran de Douglas Young agus na bheachd ‘ bha e uasal na inntinn agus na nàdar’. Anns an aiste aice ‘Sorley MacLean: the Man and his Work’ (SorleyMacLean:Critical essays), tha Joy Hendry ag aithris nach robh Somhairle MacGill-Eain a’ faireachdainn an aon seòrsa dàimh poilitigeach no mothachadh fìor eòlach a bhith dlùth do Douglas Young, ann an seadh poilitigeach, is a bha aige ri Ùisdean MacDhiarmaid. An dèidh a’ Chogaidh, chuir Douglas Young seachad greis an Obar Dheathain agus an Dùn Dèagh agus às an sin chaidh e gu Oilthigh Chill Rimhinn, far an robh e na òraidiche ann an Greugais. Bha e an sàs ann am poilitigs Nàiseantach an dà chuid ro agus an dèidh a’ Chogaidh, agus bha e a’ stiùireadh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson grunn bhliadhnaichean. Bha e cliùiteach mar sgoileir, agus aithnichte mar bhàrd agus mar sgrìobhaiche, gus an do chaochail e, is e gun aois mhòr a ruighinn, air 23mh den Dàmhair 1973.


Dàin a rèir an ainm

Gailearaidh
'
'
'
'
'
'
   
'