|  | 
          
          
              
              
                 
                  |  |   
                  |  | 
                       
                        |  Tha  na mapaichean de Ratharsair, den Eilean Sgitheanach, de Loch Aillse agus de  chladaichean na mòr-thìr mun cuairt, a th’ air an liostadh gu h-ìosal, a’  sealltainn taghadh de na h-ainmean-àite a tha a’ nochdadh anns a’ bhàrdachd aig  Somhairle MacGill-Eain (bhon leth-bhreac de na Dàin Chruinnichte, O Choille gu Bearradh aig  Birlinn/Carcanet a chaidh fhoillseachadh an 1999).  Tha àireamh ghoirid de dh’ainmean-àite eile, a bha gu sònraichte cudromach ann am beatha agus ann an obair a’ bhàird, às na ceàrnaidhean a chomharraicheadh gu h-àrd, air am foillseachadh a bharrachd.  Gheibh sibh cuideachd, an òrdugh na h-aibidil, liosta de na h-ainmean-àite a tha a’ nochdadh ann O Choille gu Bearradh:  thoiribh an aire gu bheil ainmean-àite anns an liosta seo a tha taobh a-muigh raon an dà mhapa.
                          FIOS:  tha na h-ainmean-àite Gàidhlig a’ nochdadh  anns an tuiseal ainmeach a dh’ aindheoin dè an tuiseal anns an do nochd iad  anns an dàn.  Tha na h-uilt ‘A’, ‘Am’ no  ‘An’ ann an camagan, agus tha an t-ainmear a tha ga leantainn a’ riaghladh far  a bheil na h-ainmean-àite a’ nochdadh a rèir liosta na h-aibidil ann an  Gàidhlig.  Mar eisimpleir, tha an  t-ainm-àite ‘An Àirde’ a’ nochdadh air an liosta mar ‘(An) Àirde, agus air a  liostadh an òrdugh na h-aibidil a rèir a’ chiad ainmear.  Tha atharrachaidhean beaga air an dèanamh air  litreachadh cuid de na h-ainmean-àite a’ leantainn gnàths-sgrìobhaidh an latha  an-diugh: mar eisimpleir tha Dùn Èideann air a litreachadh a rèir gnàths-sgrìobhaidh  an latha an-diugh, an àite Dùn-éideann mar a bha e sgrìobhte ann an lethbhreac  1999 de O Choille gu Bearradh;  agus tha sràcan mall air an cuir an àite nan  sràcan geur.  Thoiribh an aire nach eil  ainmean-àite a th’ air an cleachdadh an gnè buadhaireil ann, no freumhachadh  buadhaireil de dh’ ainmean-àite, a’ nochdadh anns an liosta.  Mar eisimpleir, chan eil am buadhair  ‘Sgitheanach’, a’ ciallachadh ‘de no às an Eilean Sgitheanach’, a’ nochdadh fon  Eilean Sgitheanach.
 
 Map de Ratharsair
 Map den Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois                               Ainmean-àite Gàidhlig an  òrdugh na h-aibidil (PDF) 
 Ainmean-àite Beurla an  òrdugh na h-aibidil (PDF)
 
 |  |  |   
                  |  |  |  |