Ma  tha sibh am beachd copaidh a dhèanamh no ath-nochdadh, ath-fhoillseachadh, post  air-loidhne, craoladh, crann-sgaoileadh no cead poblach, no air dhòigh sam bith  feum a dhèanamh den fhiosrachadh air Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne ach  a-mhàin airson feum pearsanta neo-mhalairteach, feumaidh sibh cead iarraidh  bhuapa-san leis a bheil na còraichean buntainneach mus dèanar ath-fheum de  phìos teacsa, ìomhaigh no faidhle a bhuineas do na meadhanan a tha nam pàirt de  Shomhairle MacGill-Eain Air-Loidhne.
                          
                          Mar  as trice bidh an neach leis a bheil na còraichean air ainmeachadh airson gach  faidhle fa leth, ìomhaigh no pìos teacsa.   Ma tha teagamh sam bith agaibh cò air a bu chòir na ceadan buntainneach  iarraidh, thigibh gu Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne airson comhairle le  bhith a’ cur post-dealain gu fios@somhairlemacgilleain.org. Far nach eil an neach leis a bheil na  còraichean air ainmeachadh airson fiosrachadh mun làrach, tuigibh gum buin na  còraichean le Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne, agus cuiribh ceist sam bith  gu fios@somhairlemacgilleain.org.
                          Faodar  stuth air Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne a chleachdadh airson adhbharan  sgoilearach agus oideachail (mar eisimpleir, airson adhbharan rannsachaidh no  ann an aiste) ach tha seo leis an tuigse nach bi an stuth air a chopaigeadh no  air fhoillseachadh gu poblach gun na ceadan buntainneach.  Ma tha an stuth gu bhith air fhoillseachadh  gu poblach, feumar cead iarraidh air an neach leis a bheil na còraichean  buntainneach, agus ma tha ath-fheum gu bhith air a dhèanamh den stuth feumar  aithneachadh a thoirt dhaibh-san leis am buin na còraichean dligheach agus do  Shomhairle MacGill-Eain Air-Loidhne.