Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne
Bàrdachd
separator
 
Eachdraidh-beatha Bàrdachd Sgrìobhaidhean Lèirmheasach Leabhar-chlàr Companaich Litreachail eadar-nàiseanta Foillsichidhean Duaisean agus Urraman Clàr-eachdraidh
img
 
Urras Shomhairle
An t-Urras
Eachdraidh
Na h-Urrasairean
Obair an Urrais
Bòrd Stiùiridh
Partners Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Sabhal Mòr Ostaig Scottish Arts Council Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig
Naidheachd Gailearaidh Meadhanan Mapaichean Cuimhneachain

Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne

Chaidh Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne a chur air bhonn le Urras Shomhairle. Tha e ag amas air raon farsaing de dh’ fhiosrachadh a thabhann airson cothroim beachdachadh air an obair aig a’ bhàrd chliùiteach Ghàidhlig Albannach Somhairle MacGill-Eain (1911-1996) agus airson na h-obrach aige a thoirt gu aire luchd-èisteachd agus luchd-leughaidh ùr air feadh an t-saoghail.

Tha Somhairle MacGill-Eain air fear de na bàird Albannach aig a bheil seasamh nàiseanta agus eadar-nàiseanta, agus fear de na bàird Ghàidhlig as iomraitiche bha riamh ann. Rugadh e air Eilean Ratharsair, eilean beag suidhichte far taobh sear an Eilein Sgitheanaich agus chaidh a thogail toinnte ann an cultar na Gàidhlig agus ann an dualchas bheairteach nan òran. Tha a bhàrdachd aithnichte airson a torachd-inntinn agus airson a dànachd, an dà chuid a thaobh dhòighean-làimhseachaidh agus chuspairean. Na obair mhòr-bhuadhach Dàin do Eimhir, tha a bhàrdachd a’ togail air gaol, roghainn, fulangas, agus ana-cheartas, agus aig an aon àm a’ beachdachadh air na tachartasan oillteil poilitigeach a bha a’ sgrios na Roinn Eòrpa anns na 1930an agus 1940an. Bha cùisean leithid Cogadh Sìobhalta na Spàinn agus buaidh Faisisteachd air an tàthadh an lùib nam faireachdainnean dian, pearsanta aige fhèin gus bàrdachd a chruthachadh a th’ air cliù nàiseanta agus eadar-nàiseanta a chosnadh dha.

Ged nach eil na sgrìobh Somhairle MacGill-Eain ach tearc an coimeas ri cuid, tha e a’ toirt a-steach cuibhreann den nua-bhàrdachd Ghàidhlig as fheàrr agus as fhìor-aithnichte, aig amannan a’ coileanadh sàr-mhathas liriceach gun a shamhail ann am bàrdachd Ghàidhlig. An iomadach dòigh thug e bàrdachd Ghàidhlig na h-Alba a steach dhan nuadh aimsir, agus tha e gu sònraichte cudromach ann an litreachas na h-Alba anns an latha an-diugh.

Leugh tuilleadh mu Dhàn na Mìos: ‘Hallaig’.

Thathar a' moladh gun coimhead luchd-tadhail ùr chun an làrach sealladh air an DVD ghoirid seo.


Dàin a rèir an ainm
Bàrdachd


Ban-Ghàidheal

‘Am faca Tu i, Iùdhaich mhòir,
rin abrar Aon Mhac Dhè?
Am fac’ thu ’coltas air Do thriall
ri strì an fhìon-lios chèin?

An cuallach mheasan air a druim,
fallas searbh air mala is gruaidh;
’s a’ mhias chreadha trom air cùl
a cinn chrùbte bhochd thruaigh.

Chan fhaca Tu i, Mhic an t-saoir,
rin abrar Rìgh na Glòir,
am measg nan cladach carrach siar,
fo fhallas cliabh a lòin.

An t-earrach seo agus seo chaidh
’s gach fichead earrach bhon an tùs,
tharraing ise ’n fheamainn fhuar
chum biadh a cloinne ’s duais an tùir.

Poem
Gailearaidh
   
'