Chaidh Urras Shomhairle a stèidheachadh mar chuimhneachan air Somhairle MacGill-Eain – a tha aithnichte fad is farsaing mar fhear de na pearsachan litreachais as cudromaiche an Alba agus fear de na bàird as fheàrr air an t-saoghal – agus gus obair Shomhairle MhicGill-Eain agus a’ Ghàidhlig adhartachadh. ’S iad na h-amasan aig an Urras:
• a bhith ag adhartachadh Cultar na Gàidhlig anns a h-uile dòigh;
• a bhith ag adhartachadh sgoilearachd, luach agus labhairt na Gàidhlig;
• a bhith a’ coimiseanadh agus a’ sgaoileadh, tro teicneolas fiosrachaidh, stuth labhairteach agus sgrìobhte ann an Gàidhlig aig an ìre as àirde;
• a bhith a’ misneachadh baird agus sgrìobhadairean òga gus leantainn air an Ath-bheothachadh Gàidhlig dhan tug Somhairle MacGill-Eain anail;
• a bhith a’ dèanamh gach nì eile, carthannach a rèir an lagh, mar a chì na h-Urrasairean iomchaidh, mar chuimhneachan air Somhairle MacGill-Eain.
|