|
Adolf Hitler, Seansalair na Gearmailt anns an Fhaoilleach 1933. Georgi Dimitrov Mikailova air a chur an greim an 1933 air a chur às leth gu robh e an lùib Teine Reichstag (Dimitrov air ainmeachadh anns an ‘Ùrnaigh’, ‘An Cuilithionn’, ‘Dol an Iar’). |
Aig Moray House, Colaisde Thrèanadh Thidsearan, 1933-34. |
|
|
Ernst Thaelmann, ceannard Pàrtaidh Chomannach na Gearmailt (KPD) air a chur an greim leis a’ Ghestapo an 1933 (Thaelmann air ainmeachadh ann ‘An Cuilithionn’). |
Fhad ’s a bha e aig Moray House thachair Somhairle MacGill-Eain ri Ùisdean MacDhiarmaid airson a’ chiad uair an 1934. (MacDhiarmaid air ainmeachadh ann ‘An Cuilithionn’). |
Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air a stèidheachadh an 1934. |
Thill e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh as t-fhoghar 1934 a theagasg Beurla. |
Eadar 1934 agus 1935 chaidh Mao Tse-tung agus mìltean de chomannaich eile air a’ Mhèarrs Fhada (Mao Tse-tung air ainmeachadh ann ‘An Cuilithionn’). |
Sgrìobh am bàrd an dàn ‘An Soitheach’ an 1934 agus chaidh fhoillseachadh fon ainm-brèige ‘Ruari Mac-Ailein’. |
|
Thadhail Somhairle MacGill-Eain air Ùisdean MacDhiarmaid air Whalsay aig deireadh an Iuchair agus toiseach an Lùnastail 1935. |
|
|
Cogadh Sìobhalta na Spàinn 1936-1939. Chaidh Federico García Lorca a mharbhadh le taobhaichean Nàiseantach aig toiseach Cogadh Sìobhalta na Spàinn (Garcia Lorca air ainmeachadh an ‘Cornford’).
|
|
John Cornford air a mharbhadh aig El Calvario air 29mh Dùbhlachd 1936 a’ sabaid air taobh nam Poblach an Cogadh Sìobhalta na Spàinn (Cornford air ainmeachadh an ‘Ùrnaigh’, ‘Cornford’). |
|
Julian Bell air a mharbhadh an Cogadh Sìobhalta na Spàinn an 1937 (Bell air ainmeachadh an ‘Cornford’). |
Am bàrd a’ teagasg an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile bhon Faoilleach chun an Dùbhlachd 1938. |
|
Sgrìobh Somhairle MacGill-Eain grunn dhàin fhad ’s a bha e ann am Muile, an dàn ainmeil ‘Ban-Ghàidheal’ na lùib. |
|
Nochd a’ chiad dreach foillsichte de ‘Ban-Ghàidheal’ ann The Voice of Scotland an 1938. |
|