| Chaidh Urras Shomhairle a stèidheachadh mar chuimhneachan  air Somhairle MacGill-Eain – a tha aithnichte fad is farsaing mar fhear de na  pearsachan litreachais as cudromaiche an Alba agus fear de na bàird as fheàrr  air an t-saoghal – agus gus obair Shomhairle MhicGill-Eain agus a’ Ghàidhlig  adhartachadh.  ’S iad na h-amasan aig an  Urras:
 
                            a       bhith ag adhartachadh Cultar na Gàidhlig anns a h-uile dòigh; 
                            a       bhith ag adhartachadh sgoilearachd, luach agus labhairt na Gàidhlig; 
                            a       bhith a’ coimiseanadh agus a’ sgaoileadh, tro teicneolas fiosrachaidh,       stuth labhairteach agus sgrìobhte ann an Gàidhlig aig an ìre as àirde; 
                            a       bhith a’ misneachadh baird agus sgrìobhadairean òga gus leantainn air       an  Ath-bheothachadh Gàidhlig dhan       tug Somhairle MacGill-Eain anail; 
                            a       bhith a’ dèanamh gach nì eile, carthannach a rèir an lagh, mar a chì na       h-Urrasairean iomchaidh, mar chuimhneachan air Somhairle MacGill-Eain.   |