|   |                           Liosta a rèir na h-ama
 
 IV Coilltean 
                          Ratharsair 1940
 
                          
                            |  |  
                            |  | 
                                
                                  | 
                                      
                                        | 
                                            Coilltean Ratharsair
 
                                              
                                                | Gallain a’ ghiuthais |  
                                                |  | air lùthadh an  fhirich; gorm-chlogadan  suaithneis,
 muir uaine gun  dinneadh;
 treun, aotrom,  ceann-gaothail,
 neo-shaothrach,  gun shireadh,
 a’ choille mhòr  ghuanach,
 ruadh, uaine, dà  fhilleadh.
 |  
                                              
                                                | Ùrlar frainich is  beithe |  
                                                |  | air an t-seòmar  àrd uaine;am mullach ’s an  t-ùrlar
 trom-dhathte le  suaimhneas:
 mith-chuachan na  sòbhraig,
 bileag bhuidhe  air uaine;
 is cuilbh  dhìreach an t-seòmair,
 giuthas òirdhearc  an luasgain.
 |  
                                              
                                                | Thug thu dhomh clogadan, |  
                                                |  | clogadan  buadhmhor,clogadan  mireanach,
 buidhe is uaine;
 clogadan  glaganach,
 clogadan uallach,
 clogadan  drithleannach,
 clogadan ruadha.
 |  
                                              
                                                | Ghabh mi do bhrataichean |  
                                                |  | umam gan  suaineadh:ghabh mi do  bhrataichean
 buidhe is uaine.
 Sgeadaich mi  aignidhean
 beadarra  luaineach:
 sgeadaich ’nad  bhrataichean
 buidhe is ruadha.
 |  
                                              
                                                | Ghabh mi an  t-slighe |  
                                                |  | tro fhilleadh an  luasgain:thug mi an cùrsa
 thar ùr-fhonn a’  bhruadair,
 a’ siubhal ’s a’ tilleadh
 ’s a’ sireadh na  buaidhe,
 am mire ’s an  deann-ruith
 is m’ annsachd gu  h-uallach.
 |  |  
                                        | 
 
                                              
                                                | A’ choille mhòr shiùbhlach |  
                                                |  | ’s i ùrail am  meanmna;a’ choille àrd  uaine
 ann an luadh  ioma-dhealbhach.
 A’ choille ’s mo  bhuadhan
 ann an luathghair  nan geala‑chas:
 a’ choille  bàrr-gùcach
 le ùrachadh  falbhach.
 |  
 
                                              
                                                | Coille na grèine |  
                                                |  | ’s i èibhneach is  mireagach:a’ choille  ioma-ghaothach,
 an leug fhaodail  dhrithleannach;
 coille na sgàile
 ’s i tàmhach  neo-dhribheagach:
 coille a’  chrònain
 ’s i òranach  luinneagach.
 |  
 
                                              
                                                | A’ choille san  sgarthanaich |  
                                                |  | dùsgadh sa  chamhanaich:a’ choille le  langanaich
 brùchdadh gu  tabhanaich:
 a’ choille le  dùblachadh
 crunluaidh  chabhagaich:
 a’ choille ’s i  mùirneach
 ri sùgradh nam  marannan.
 |  
 
                                              
                                                | Bha thu labhar tràth-nòine |  
                                                |  | le òrain ’nad  fhàrdaichis fionnar le  driùchdan
 a’ tùirling gu  sàmhach;
 agus bhristeadh  tu loinneil
 le doireachan  smeòrach,
 ’s a’ dùnadh gu  suthain
 bu shruthanach  crònan.
 |  
 
                                              
                                                | Rid thost anns an oidhche |  
                                                |  | bhiodh  loinn-chruthan òmairthar ciaradh nan  coilltean
 ’s fann-shoillse  na glòmainn,
 ag èaladh gu  cuireideach,
 ioma-chruthach,  seòlta,
 a’ falbh ’s a’  sìor thighinn
 ’s gam filleadh  ’nad chrònan.
 |  
 
                                              
                                                | Thug thu dhomh  clogadan, |  
                                                |  | clogadan uaine;clogad a’  bhioraidh
 is clogad an  t-suaimhneis:
 clogadan ùrail
 gam chiùrradh le  buaireadh,
 clogadan àrdain
 gam mhàbadh le  luasgan.
 |  
 
                                              
                                                | Bhuair aodann sàmhchair choilltean, |  
                                                |  | ceilearadh  shruthan is suaineadh aibhnean,ciùine reultan  buidhe a’ boillsgeadh,
 lainnir a’  chuain, coille-bìonain na h-oidhche.
 |  
 
                                              
                                                | Nuair dhòirt a’ ghealach na crùin shoilleir |  
                                                |  | air clàr  dùbhghorm na linne doilleiragus a dh’iomair  mi ’nan coinneamh,
 ’s ann a  dh’fheuch mi ri shloinneadh.
 |  
 
                                              
                                                | ’S e Sgùrr nan Gillean a’ bheithir |  
                                                |  | cholgarra gharbh  le cheithirbinneanan carrach  ceann-chaol sreathach;
 ach ’s ann tha e  bho speur eile.
 |  
 
                                              
                                                | B’ e ’n t-aon-chòrnach Sgùrr nan Gillean, |  
                                                |  | foistinneach,  sgiamhach le ghile,le ghile  shneachda ’na dhrithleann,
 ciùin agus stòlda  ’na shitheadh,
 |  
 
                                              
                                                | ’na shitheadh sleagha air an fhàire, |  
                                                |  | sgurra foinnidh  geal na h-àilleachd,sgurra m’ iargain  ’s mo shàth-ghaoil,
 sgurra ’s  biothbhuan suain thar Clàraich.
 |  
 
                                              
                                                | Coille uaine taobh bhos na Clàraich, |  
                                                |  | coille Ratharsair  le ceòl-gàire,coille Ratharsair  gu ciùin sàmhach,
 coille aoibhneach  bhrònach ghràdhach.
 |  
 
                                              
                                                | Cladh air dà shlios dheas an fhirich, |  
                                                |  | dà chladh  saidhbhir leth mo chinnidh,dà chladh sàmhach  air bruaich na linne,
 dà chladh fir  Ratharsair air tilleadh.
 |  
 
                                              
                                                | Air tilleadh gu tàmh an fhuinn |  
                                                |  | bho latha grèine  an speur chruinn,cladh fo sgàil  bho àile tuinn,
 dà chladh  leasraidh an fhuinn.
 |  
 
                                              
                                                | Coille Ratharsair, |  
                                                |  | m’ ionam,  labharag:mo chiall  cagarain,
 mo leanabh  cadalach.
 |  
 
                                              
                                                | Anns a’ choille thàinig straonadh, |  
                                                |  | an coille na  h-oidhche braonaich,an coille nan  duilleagan maotha,
 coille luaineach,  coille chaochan.
 |  
 
                                              
                                                | Dhùisg an nathair  ’na lùisreadh, |  
                                                |  | ’na duilleach  ioma-luath caol ùrar,’na geugan  duilleagach gu ciùrradh,
 gath a’ chràdhghal anns an t-sùgradh.
 |  
 
                                              
                                                | Thàinig an sitheadh bhon Chuilitheann, |  
                                                |  | bho na beanntan  bu duilghedìreadh gu  mullach suilbhir:
 lotadh a’  mhaothanachd le uilebheist.
 |  
 
                                              
                                                | Chunnaic mi an triùir gu siùbhlach, |  
                                                |  | an triùir  bhan-dia chuimir rùiste:b’ aithne dhomh  Actaeon brùite
 le triùir  fheargach ga sgiùrsadh.
 |  
 
                                              
                                                | Chunnaic mi an triùir sa choille, |  
                                                |  | an triùir gheal  rùiste loinneil,an triùir ’nan  aiteal mum choinneamh,
 an triùir  dho-labhairt an coinneamh.
 |  
 
                                              
                                                | Tè a liubhair na pògan |  
                                                |  | nach do shàsaich  an tòrachddhùbailte bha  anns an fhògradh,
 am fear ruagte  dian san tòrachd.
 |  
 
                                              
                                                | Bu choille Ratharsair an tè |  
                                                |  | a liubhair pòg  mheala rèidh,a’ phòg nach  fòghnadh don chrè,
 a’ phòg chuir  luasgan sa chlèibh.
 |  
 
                                              
                                                | Chan eil de dheann-ruith ’nan dàn |  
                                                |  | a dhèanadh dheth  an doineann àrd,chan eil ann de  bheatha làin
 a chuireadh a’  choille ’na tàmh.
 |  
 
                                              
                                                | Coille Ratharsair ’na ciùine |  
                                                |  | ri taobh na  Clàraich gu mùirneach,siubhal uaine an  ùrlair
 th’ aig a’  Chuilitheann ris na sùghan.
 |  
 
                                              
                                                | Coille Ratharsair an labharag, |  
                                                |  | coille bhrìodail,  coille chagarain,coille aotrom ri  taobh nam marannan,
 coille uaine an  suain neo-chadalach.
 |  
 
                                              
                                                | ’S e bhith creidsinn le feòil, |  
                                                |  | le eanchainn ’s  le cridhegu robh aon nì  coileanta
 àlainn  so-ruighinn:
 nì a sheachnadh  allaban
 na colainne ’s a’  chruaidh-chàis,
 nach millteadh le  meapaineadh
 tìme is buairidh.
 |  
 
                                              
                                                | Dè fàth bhith toirt do nighinn |  
                                                |  | gaol mar ghormadh  speurag èirigh às a’  chamhanaich
 gu lomnochd ri  grèin?
 Ged bheirteadh  gaol cho coileanta
 ri gaisge ’n  aghaidh chàs,
 gun athadh, gun  teagamh, gun dòchas,
 goirt,  crò-dhearg, slàn;
 ged bheirteadh an  gaol do-labhairt,
 cha bhiodh ann  ach mar gun cante
 nach b’ urrainn  an càs tachairt
 a chionn gu robh  e do-labhairt.
 |  
 
                                              
                                                | Dè fàth bhith toirt do dhòchas |  
                                                |  | gaol  steud-crodhanta crò-dhearg,bhith liubhairt  do àird a’ Chuilithinn
 gaol a nì strì  thar gach duilghinn?
 Dè fàth adhradh  do Nàdar
 a chionn gur h-i  choille pàirt dheth?
 |  
 
                                              
                                                | Chunnacas mùr a’ Chuilithinn leagte, |  
                                                |  | prann briste, an  sloc sgreataidh;agus chunnacas an  gaol singilt’
 do-ruighinn,  caillte, neo-mhillte.
 |  
 
                                              
                                                | ’S e gu bheil iad ag èirigh |  
                                                |  | às an doimhne  thruaigh reubtetha cur air  beanntan an èire.
 |  
 
                                              
                                                | Bochd mì-chinnteach am bonn |  
                                                |  | tha stèidheachadh  Cuilitheann nan sonnionnas mar reubar  an conn
 chur àilleachd  air dàn is fonn.
 |  
 
                                              
                                                | Och a’ choille, och a’ choille, |  
                                                |  | dè na tha ’na  doimhne dhoilleir!Mìltean  nathraichean ’na lùisreadh:
 an t-aoibhneas ’s  e briste brùite
 agus an cràdh bha  riamh ciùrrte,
 nach toir bàrr  air a’ chiùrradh.
 |  
 
                                              
                                                | Och a’ choille, och a’ choille! |  
                                                |  | Fiamh na bòidhche  foinnidh,na sùla tha maoth  soilleir,
 seud beothanta  anns an doille.
 |  
 
                                              
                                                | Tha eòl air slighe an t-snodhaich |  
                                                |  | a’ drùdhadh suas  gu ghnothach,am fìon sìor ùrar  beothail
 gun fhios dha  fhèin, gun oilean.
 |  
 
                                              
                                                | Chan eil eòl air an t-slighe |  
                                                |  | th’ aig fiarachd  cham a’ chridhe’s chan eil eòl  air a’ mhilleadh
 don tàrr gun  fhios a cheann-uidhe.
 |  
 
                                              
                                                | Chan eil eòlas, chan eil eòlas |  
                                                |  | air crìch  dheireannaich gach tòrachdno air seòltachd  nan lùban
 leis an caill i a  cùrsa.
 |  * * *
 
 
 
 |  |  |  |  
                            |  |  | Liosta a rèir na h-ama 
 
 1 1932-1940
 
 
 II  An Cuilitheann 1939
 
 
 III An Tràigh Thathaich
 An Dùbhlachd 1939 – An t-Iuchar 1941
 
 
 IV Coilltean Ratharsair 1940
 
 
 V An Ìomhaigh Bhriste
 An Lùnasdal 1941 – An Giblean 1944
 
 
 VI Blàr 
                          1942-1943
 
 
 VII 1945-1972
 
 
 VIII 1972 agus na dhèidh
 
 
 
 |