Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne
Bàrdachd
separator
 
Eachdraidh-beatha Bàrdachd Sgrìobhaidhean Lèirmheasach Leabhar-chlàr Companaich Litreachail eadar-nàiseanta Foillsichidhean Duaisean agus Urraman Clàr-eachdraidh
img
Urras Shomhairle
An t-Urras
Eachdraidh
Na h-Urrasairean
Obair an Urrais
Bòrd Stiùiridh
Partners Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Sabhal Mòr Ostaig Scottish Arts Council Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig
Naidheachd Gailearaidh Meadhanan Mapaichean Cuimhneachain

Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne

Òige ann an Ratharsair (1911 - 1929)

'
Rugadh Somhairle MacGill-Eain air an 26mh Dàmhair 1911 ann an Osgaig an Eilean Ratharsair, eilean beag, suidhichte far taobh sear an Eilein Sgitheanaich.  Bhuineadh athair, Calum MacGill-Eain, do Ratharsair, ged a thàinig a shinnsirean à Uibhist a Tuath agus bhuineadh a mhàthair, Cairistìona, do chlann Mhic Neacail anns an Eilean Sgitheanach - dà theaghlach aig an robh buadhan agus tàlantan sònraichte, mar sgoilearan, mar bhàird agus mar sheanchaidhean. 
 
Video

'Bha an cuid de phearsachan le tàlant agus comas air gach taobh de theaghlach, cuid dhiubh a choisinn cliù air falbh bhon eilean tro fhoghlam foirmeil, agus cuid eile le bhith nan seanchaidhean agus nam bàird', mar a thuirt Uilleam MacIllIosa.1  Bha Calum MacGill-Eain ris an tàilleareachd air Eilean Ratharsair agus bha seachdnar theaghlach aige fhèin agus aig a bhean Cairistìona: coignear mhac (Somhairle an dàrna fear bu

shine dhiubh) agus dithis nighean, agus nochd buadhan agus tàlantan an sinnsirean gu follaiseach anns a' ghinealach seo a bharrachd.

Chaidh Somhairle MacGill-Eain oideachadh ann am Bun-sgoil Ratharsair (1918-1924), agus mar a bhiodh dùil, bha buaidh aig an oideachadh agus an togail a fhuair e ann an Ratharsair air a' bhàrdachd aige, mar a bh'aig tachartasan agus amannan sònraichte eile na bheatha.  Ann an Ratharsair agus na dhachaidh, bha e air a bhogadh ann an eachdraidh agus ann an cultar na Gàidhlig agus na Gàidhealtachd - na Fineachan Gàidhealach, na Seumasaich, na Fuadaichean, Eilthireachd, Litreachas, Beul-aithris agus Teagasg Chalvin.  Bhuineadh a theaghlach dhan Eaglais Shaor Chlèireach, agus chaidh e fhèin agus a bhràithrean agus a pheathraichean an togail ann an dualchas na h-Eaglais’ sin a bhrist bho Eaglais Shaor na h-Alba an 1893.  Bha Ratharsair gu math làidir air taobh na h-Eaglais Shaor Chlèireach. Ged a chaidh a thogail ann an dualchas Chalvin, dh' aidich Somhairle MacGill-Eain gun do leig e bhuaithe an dualchas sin agus gun do ghabh e ri Sòisealachd nuair a bha e mu dhusan bliadhna dh'aois agus e fhathast anns a' bhun-sgoil an Ratharsair.  Airson greis bha e na bheachd a bhith na neach-poilitigs, “an dùil an saoghal a chur ceart”. Ach a dh' aindheoin sin, nuair a bha e na bu shine, thuig e a' bhuaidh a bh' aig an teagasg Gàidhlig, a bha e air a chluinntinn ann an Ratharsair, air a' bhàrdachd aige.   'Tha mi a' smaoineachadh, a bheil sibh a' tuigsinn, gu robh buaidh mhòr aig na searmoin agus na h-ùrnaighean fada ann an Gàidhlig aig an Eaglais Shaor Chlèireach agus aig an Eaglais Shaor orm, còmhla ri beairteas na beul-aithris a bh' aig an teaghlach againn air gach taobh,' dh' aidich e fhèin ann an agallamh an 1982.

'
Bha buaidh shònraichte aig a sheanmhair, Màiri NicMhathain (Màiri Iain 'ic Sheumais 'ic Dhòmhnaill Ruaidh) air a' bhàrd nuair a bha e ag èirigh suas. Thàinig an teaghlach aicese à Loch Aillse dhan Eilean Sgitheanach anns an ochdamh linn deug, an dèidh dhaibh a bhith air an cur a-mach às an fhearann ann an Glas na Muclach le Iarla Shìophort.

Thug iad leotha mòran de na seann òrain a buineadh do Loch Aillse agus do Chinn Tàile, agus thog i fhèin a-rithist mòran òrain a bhuineadh do na ceàrnaidhean sin den Eilean Sgitheanach anns an robh iad a' còmhnaidh. Bha a sheanmhair a' fuireach còmhla ris an teaghlach gus an do chaochail i nuair a bha Somhairle MacGill-Eain dusan bliadhna dh' aois agus tha e fhèin ag innse cho cudromach is a bha i na bheatha: 'Tha mi am beachd gur e a' chiad chuspair ealain a thug buaidh orm 's e a bhith ag èisdeachd ri màthair m' athar a' seinn feadhainn de na sàr òrain Ghàidhlig agus a h-uile fear aca le a dreach dualchasach fhèin air.' Bha e a' cuimhneachadh, ann an agallamh le Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach an 1982, mar a bhiodh i a' seinn òrain à Cinn Tàile leithid 'Crò Chinn t-Sàile', agus feadhainn à Iochdar Thròndairnis a bha i air fhaighinn bho thaobh a màthair fhèin den teaghlach. Tèile bha glè chudromach am beatha a' bhàird nuair a bha e òg b' e Peigi, an tè bu shine de pheathraichean athar.  Bha ise a' fuireach an Glaschu ach bhiodh i a' tighinn a Ratharsair airson mìos a h-uile bliadhna.  Bha ise cuideachd 'làn de sheann òrain' agus, cha mhòr, a rèir a' bhàird, nach robh na h-uimhir aice 's a bh' aig a sheanmhair.  Bha athair, Calum MacGill-Eain, e fhèin na dheagh sheinneadair agus mar a thuirt am bàrd, 'ann an cuid a dh' òrain bha a ruith agus a bhuille cho cinnteach is gu bheil e a-nis duilich dhomh a bhith ag èisdeachd ris na h-òrain sin ga seinn le neach eile.  Bha e gu sònraichte math le Crò Chinn t-Sàile, an cumha do dh' Uilleam Siosal, agus le Uilleam Ros.'  

video

B' ann bho fhear de bhràithrean a mhàthar, Calum MacNeacail, a fhuair e eòlas air na h-òrain aig Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran).  Bhuineadh a' bhana-bhàrd don Eilean Sgitheanach agus bha i a' sgrìobhadh anns na 1880an nuair a bha Strì an Fhearainn aig àird a neart.


Bha Somhairle MacGill-Eain a' saoilsinn mòran den obair aice fad a bheatha.  Rud eile aig an robh buaidh mhòr air b' e dualchas radaigeach A' Bhràighe anns an Eilean Sgitheanach, agus cho cudromach is a bha e ann an obair Dionnasg an Fhearainn aig deireadh na 19mh linn, còmhla ri eachdraidh nam fuadaichean a sgrios Eilean Ratharsair eadar 1852 agus 1854.  An inntinn a' bhàird òig bha am fearann agus na daoine toinnte còmhla: 'Nuair a bhithinn-se air mullach a' Chuilithionn no air Dùn Cana, cha b' ann airson nan seallaidhean a-mhàin, ach bha e daonnan ceangailte gu mòr ri na daoine'

'

An 1924 dh' fhàg Somhairle MacGill-Eain Ratharsair agus chaidh e air    adhart gu Àrd-sgoil Phort Rìgh.  Mar bu dual do na sgoilearan à Ratharsair, bha e a' fuireach ann am Port Rìgh tron t-seachdain, agus a' dol dhachaidh a Ratharsair Disathairne.  Tha cunntas mhionaideach air na bha e fhèin a' saoilsinn den oideachadh a fhuair e ann an Ratharsair a' nochdadh anns an ro-ràdh don leabhar aige: O Choille gu Bearradh a sgrìobh e anns a' Ghiblean 1989.

Anns a' bhun-sgoil fhuair e eòlas air bàrdachd Bheurla a bharrachd air a' bhàrdachd Ghàidhlig air an robh e cho measail mar thà, agus anns an àrd-sgoil am Port Rìgh bha e air oideachadh ann an Shakespeare agus am bàrdachd Bheurla na 19mh linn le tidsear Beurla. 

Bha e a' saoilsinn mòran den tidsear seo, ach dh' fhàg i an sgoil nuair a bha esan a' tòiseachadh air a' bhliadhna mu dheireadh.   Thug Laideann e gu bhith a' cur luach air Virgil agus Horace, agus dh' aidich e cuideachd gum bu toil leis leabhar de liricean Frangach, a' ruith bho Villon gu Verlaine.  Ann an Gàidhlig bha tòrr cuideam ga chur air bàrdachd na 17mh agus na 18mh linn mar a bha i a' nochdadh ann am Bàrdachd Ghàidhlig, ach dh' aidich e gum, ' b' fhearr leam an fheadhainn mhìorbhaileach sin gun ainm, leithid na bàrdachd ag innse mar a bha Clann 'ic Griogair air an toirmisg agus Bothan Àirigh am Bràigh Raineach: dàin nach robh fios le cinnt cò rinn iad ach a bha ag èirigh à dualchas nan sgoil bhàrdachd, agus a bh' air an sgaoileadh tro bheul-aithris, uaireannan air am milleadh ach uaireannan eile air an leasachadh, le bhith gan aithris'.  Air an raon-cluiche, bha Somhairle MacGill-Eain bho bha e glè òg air a bhith, mar a chuir e fhèin an cèill, 'uamhasach dèidheil' air iomain.  Bha e na chluicheadair dealasach anns an sgoil, agus lean an ùidh sin anns a' chleas fad' a bheatha.


Dàin a rèir an ainm

Gailearaidh

Òige ann an Ratharsair Anns an Oilthigh Mu Choinneamh an t-Saoghail Dùn Èideann Am Ploc Toradh a Shàr-chomais Air Chluaineas
'
'
'
'
'
'
   
'