Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne
Bàrdachd
separator
 
Eachdraidh-beatha Bàrdachd Sgrìobhaidhean Lèirmheasach Leabhar-chlàr Companaich Litreachail eadar-nàiseanta Foillsichidhean Duaisean agus Urraman Clàr-eachdraidh
img
Urras Shomhairle
An t-Urras
Eachdraidh
Na h-Urrasairean
Obair an Urrais
Bòrd Stiùiridh
Partners Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Sabhal Mòr Ostaig Scottish Arts Council Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig
Naidheachd Gailearaidh Meadhanan Mapaichean Cuimhneachain

Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne

Mu Choinneamh an t-Saoghail (1934-1943)

'

Nuair a thill e dhan Eilean Sgitheanach as t-Fhoghar 1943, chaidh Somhairle MacGill-Eain a theagasg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Dh' aidich e mun àm a thòisich e air teagasg ann am Port Rìgh, gu robh e air ùidh a ghabhail ann an seann òrain agus ann an nua-bhàrdachd, gu sònraichte a' bhàrdachd aig Ùisdean MacDhiarmaid.


'
Bha e ann an loidseadh an toiseach ann an Carndarach air Sràid Wentworth, ach ro dheireadh na bliadhna-sgoile 1934-35, bha e air gluasad gu Ostail Eilginn (ostail dha na gillean às na h-eileanan) a chuideachadh le bhith a' coimhead às an dèidh.

An 1934, sgrìobh e an dàn 'An Soitheach', a bh' air fhoillseachadh fon ainm-brèige 'Ruairi MacAilein', ach mean air mhean bha e a' faighinn an uallaich a bhith a' cumail sùil air na gillean gach dàrna h-oidhche an Ostail Eilginn glè throm agus bha e doirbh dha an dlùth-aire a dh' fheumadh e a thoirt dhan bhàrdachd aige.  Anns an Iuchar agus aig toiseach na Lùnastail 1935, thadhail Somhairle MacGill-Eain air Eilean Whalsay an dèidh fiathachadh fhaighinn bho Ùisdean MacDhiarmaid.

video

Eadar 1936 agus 1939, thàinig grunn rudan còmhla a chuir am bàrd fo throm uallach, agus a nochd anns a' bhàrdachd aige, agus dh' aidich e fhèin, ma bha e na bhàrd idir eadar 1936 agus 1939, gun robh e na bhàrd a bha glè eadar-dhealaichte bhon fhear a bha ri bàrdachd ro 1936. 

Anns an aiste 'My Relationship with the Muse', dh' ainmich e na h-adhbharan dha sin: 'mo mhàthair a bhith glè mheadhanach an 1936, agus a-rithist an 1938, toiseach Cogadh Sìobhalta na Spàinn an 1936, mar a bha cosnadh m' athar a' sìor chrìonadh anns na 1930an, a' coinneachadh ri nighean Èireannach an 1937, a' fàgail an Eilein Sgitheanaich ann an cus cabhaig airson a dhol a Mhuile aig deireadh 1937, agus Munich an 1938, agus daonnan bha sìor chrìonadh na Gàidhlig na bhriste-cridhe dhomh. Mar sin bha roghainnean duilich romham anns na bliadhnaichean sin, agus thàinig eallach pearsanta nam bliadhnaichean sin am follais tro bhàrdachd agus cha b' ann tro gnìomh'.  Nuair a thòisich Cogadh Sìobhalta na Spàinn an 1936 bha buaidh chudromach, làn fhaireachdainn aige air beatha Shomhairle MhicGill-Eain.  Bho 1933 bha mòr-uallach air gu robh Faisisteachd a' dol a dh' fhaighinn làmh an uachdair anns an Roinn Eòrpa.  Nuair a thòisich Cogadh Sìobhalta na Spàinn, bha e glè chinnteach na inntinn fhèin gu feumte buaidh fhaighinn gu h-èifeachdach agus gun dàil air Faisisteachd anns an Spàinn.  Bha tidsear eile ann an Àrdsgoil Phort Rìgh aig an aon àm, Jack Stuart, dhe robh e a' saoilsinn tòrr, agus dh' iarr esan air Somhairle MacGill-Eain a dhol còmhla ris dhan Spain a chogadh air taobh a' Bhuidhinn Eadar-Nàiseanta, ach ged a bu mhiann leis a dhol ann, bha an suidheachadh teaghlaich aige fhèin a' dèanamh sin do-dhèanta dha.

Dh' fhuirich Somhairle MacGill-Eain ann am Port Rìgh gu 1937, agus air a' bhliadhna sin thadhail Ùisdean MacDhiarmaid air nuair a bha e a' cur cuairt air na h-Eileanan an Iar còmhla ri W.D. MacColl, nàiseantach agus fear aig an robh ùidh mhòr ann an Gàidhlig.  Chuir iad oidhche seachad an Ratharsair còmhla ri teaghlach Shomhairle MhicGill-Eain, agus an uair sin chaidh iad a Phort Rìgh a chur an deireadh sheachdain seachad an cuideachd Shomhairle MhicGill-Eain mus deach iad a Bharraigh.  Na b' fhaide air adhart anns a' bhliadhna, fhuair Somhairle MacGill-Eain obair a' teagasg an Àrdsgoil Thobar Mhoire ann am Muile, far an robh e a' teagasg bhon Fhaoilleach chun an Dùbhlachd 1938.  Chuir e seachad bliadhna an sin, ach cha b' e àm uamhasach sona bh' ann dha, agus dh' aidich e fhèin gur e 'turas dòrainneach' a bh' ann.  Shaoil leis gu robh Muile brèagha ach bha làrach nam fuadaichean, a sgrios an t-eilean anns an 19mh linn, cho follaiseach ann agus gu robh e na bhriste-cridhe do fear ainme (an cinneadh a bha cho dlùth cheangailte ri Muile).  Ach a dh' aindeoin na faireachdainnean brònach sin, bha an ùine a chuir e seachad am Muile soirbheachail a thaobh a bhàrdachd, agus sgrìobh e grunn dhàin fhads a bha e ann, 'Ban-Ghàidheal' nam measg.  Mar a mhìnich am bàrd an dèidh làimhe: 'Tha mi a' creidsinn gu robh Muile cudromach a thaobh na bàrdachd agam: bha a' bhòidhchead nàdarra cho eadar-dhealaichte bhon Eilean Sgitheanach, le làrach eagalach nam fuadaichean follaiseach ann, ga dhèanamh cha mhòr neo-fhulangach do Ghàidheal.'8    Cha robh na uallaichean obrach a bh' air ann am Muile cho sàraichte is a bha iad air a bhith ann am Port Rìgh, agus mar sin bha e comasach dha barrachd sgrìobhaidh a dhèanamh agus bha mòran litrichean a' dol a-null 's a-nall eadar e fhèin agus Ùisdean MacDhiarmaid.  Tha Crìsdean Whyte a' comharrachadh gu robh na nuadh-bheachdan aig an dithis bhàrd co-ionnan ann a bhith mi-riaraichte leis mar a bha dualchas na bàrdachd, nam beachd-san, coirbte agus neo-mhiannach air adhartas.

17 poems for 6d (1940) – Front Cover

Anns an Fhaoilleach 1939, ghluais Somhairle MacGill-Eain à Muile gu Dùn Èideann, far an robh e air obair fhaighinn a' teagasg Beurla an Àrdsgoil Bhoroughmuir. Bha e ann an loidseadh am Polwarth faisg air an sgoil, agus fhad ’s a bha e an Dùn Èideann dh' ùraich e a chàirdeas le Robert Garioch, a thug cuireadh dha tighinn gu cruinneachadh de bhàird a bhiodh a' coinneachadh uair 's an t-seachdain anns an Abbotsford Bar air Rose Street.


Bha clò-làimhe aig Robert Garioch agus an 1940 nochd leabhran beag bhuaithe le Somhairle MacGill-Eain agus Robert Garioch, 17 Poems for 6d.  Beagan sheachdainean an dèidh sin chaidh Seventeen Poems for Sixpence fhoillseachadh, an dàrna lethbhreac, le ceartachaidhean.  B' ann an 1939 cuideachd a thòisich Somhairle MacGill-Eain air sgrìobhadh a' mhòr-dhàn 'An Cuilithionn'.  Bha an smaoineas airson an dàin air tighinn thuige na bu tràithe ann am Muile an 1938, nuair , mar a thuirt e, a bha e air tòiseachadh ri smaoineachadh air dàn fada a sgrìobhadh, 10,000 facal no mar sin, air cor mac an duine, a' sgaoileadh a-mach bho eachdraidh an Eilean Sgitheanaich gu Taobh an Iar na Gàidhealtachd chun an Roinn Eòrpa agus na b' aithne dha den a' chòrr den t-saoghal.  Ged a chaidh toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air an dàn an Dùn Èideann an 1939, nuair a chaidh mu 3,000 sreath a chur ri chèile, stad an sgrìobhadh gu h-obann anns an Dùbhlachd 1939.

Video

Anns an Dàmhair 1939, chaidh Somhairle MacGill-Eain gu ruige Hawick a theagasg clann a bh' air an cur ann bho na bailtean mòra airson sàbhailteachd bhon chogadh agus bha e an sin co-dhiù chun an Ògmhios 1940. 'S ann aig an àm seo a chaidh a' mhòr-chuid de na dàin iomraiteach 'Dàin do Eimhir' a sgrìobhadh. 


Agus 's ann aig an àm seo cuideachd a dh' fhuiling Somhairle MacGill-Eain na faireachdainnean domhainn dian, a theab a chur às a chiall, mar a dh' aidich e fhèin.  Thàinig an cuthach mòr a bha e a' faireachdainn mu Faisisteachd, agus an trom-ghaol anns an robh e, còmhla, ann an 'Dàin do Eimhir', sreath de dhàin gaoil as àille.  Anns na dàin, tha na faireachdainnean a dh' fhuiling e fhèin gu pearsanta air an cur ri taobh nam faireachdainnean a bh' aige mu na bha a' tachairt anns an Spàinn agus na duilgheadasan a bha mu choinneamh mac an duine agus gu dè a bha an dàn don t-saoghal gu lèir.  Tha a' chunntas as mionaidiche mu eachdraidh sgrìobhadh na sreath 'Dàin do Eimhir' ri fhaighinn anns an lethbhreac aig Crìsdean Whyte de na dàin Ghàidhlig, le eadar-theangachaidhean Beurla, a chaidh fhoillseachadh an 2002.

'
Anns an t-Sultain 1940, ghabh Somhairle MacGill-Eain anns an Signal Corps, agus bhon a' Mhàigh 1941 chun an Dùbhlachd 1941, bha e stèidhichte aig Campa Chatterick ann an Siorrachd York a' feitheamh ri òrdain a dhol a-null thairis.  Anns an Dùbhlachd 1941, chaidh a chur dhan Èipheit, agus eadar an Dùbhlachd 1941 chun a' Màirt 1943 bha e a' cogadh còmhla ris an Royal Horse Artillery.

Mus deach e a-null thairis, bha e air na dàin aige fhàgail aig Douglas Young (an dèidh làimhe na òraidiche ann an Greugais an Oilthigh Chill Rìmhinn), a bh' air tairgsinn foillsichear fhaighinn dhaibh, agus aig Iain MacDhòmhnaill ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Obar Dheathain.  Nuair a roghnaich Douglas Young a dhol dhan phrìosan mus aidicheadh e gu robh còir dligheach aig stàit Bhreatainn daoine a thogail dhan arm, ghabh an t-Urr Iain MacEacharna air fhèin cùram nan dàn fhoillseachadh. 

Chì sinn a-rithist spèis agus co-fhaireachdainn Shomhairle MhicGill-Eain dha chinne-daonna na bhàrdachd-cogaidh, nam measg an dàn-cogaidh a b' fhearr a sgrìobh e, 'Glaic a' Bhàis'.  A dh' aindheoin sin, tha coltas gun do thionndaidh e an aghaidh a' bhàrdachd fhèin aig an àm seo, agus anns a' Ghearran 1942, sgrìobh e gu Ùisdean MacDhiarmaid, 'Ma tha mi a' dol a sgrìobhadh bàrdachd gu sìorraidh tuilleadh, bidh e gu math eadar-dhealaichte bho na sgrìobh mi thuige seo, anns nach fhaod e a bhith cho pearsanta, feumaidh e a bhith nas tuigsiche, agus gun a bhith cho riaraichte le cheòl fhèin'.    Chaidh a leòn trì tursan nuair a bha e a' sabaid an Afraga a Tuath: aig aon àm bha fathann a' dol gu robh e air a dhol a dhìth anns a' bhlàr.  'S e thachair ach gu robh e air a dhroch leòn aig Blàr El Alamein air 2mh Samhain 1942 nuair a spreadh mèinn talamh faisg air, agus chaidh a thoirt dhan ospadal.  Bha e naoidh mìosan an ospadail am Burgel Arab, Cantara, Suez, Baragwanath, Netley an Sasainn agus Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.  Fhuair e a-mach mu dheireadh thall à Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, agus seach gu robh e air a leòn cho dona, às an arm a bharrachd anns an Lùnastal 1943.

Dàin do Eimhir (1943) – Title Page
Anns a' Mhàirt 1943, nuair a thill Somhairle MacGill-Eain air ais a Shasainn gus am faigheadh na lotan aige cothrom leigheis, bha na dàin aige deiseil airson ceartachaidh.  Leugh e iad anns an ospadal an Southampton agus thill e iad chun an fhoillsichear an Glaschu, Uilleam MacIllFhaolain.  Tràth anns an t-Samhain air a' bhliadhna sin, nochd Dàin do Eimhir agus Dàin Eile, le ro-ràdh le Douglas Young agus dealbhan leis an dealbhadair Albannach Uilleam Crosbie.

Tha na faclan gèarr a sgrìobh an Àrd-Ollamh Dòmhnall MacAmlaigh anns an ro-ràdh aige do Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig a' nochdadh cho fìor chudromach is a bha Dàin do Èimhir, 'Saoilidh mi nach b' urrainn do'n bhàrdachd Ghàidhlig a bhith a riamh mar a bha i roimhe an dèidh do'n leabhar sin a thighinn am follais.'  Anns an aon bhliadhna chaidh Auntran Blads aig Douglas Young fhoillseachadh, leabhar bàrdachd, coisrigte do Shomhairle MacGill-Eain agus do Dheòrsa Mac Iain Deòrsa, le eadar-theangachaidhean a rinn e de dh' obair an dithis bhàrd.

 

Childhood in Raasay Childhood in Raasay


Dàin a rèir an ainm

Gailearaidh

Life Òige ann an Ratharsair Anns an Oilthigh Mu Choinneamh an t-Saoghail Dùn Èideann Am Ploc Toradh a Shàr-chomais Air Chluaineas
'
'
'
'
'
'
   
'