Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne
Bàrdachd
separator
 
Eachdraidh-beatha Bàrdachd Sgrìobhaidhean Lèirmheasach Leabhar-chlàr Companaich Litreachail eadar-nàiseanta Foillsichidhean Duaisean agus Urraman Clàr-eachdraidh
img
Urras Shomhairle
An t-Urras
Eachdraidh
Na h-Urrasairean
Obair an Urrais
Bòrd Stiùiridh
Partners Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Sabhal Mòr Ostaig Scottish Arts Council Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig
Naidheachd Gailearaidh Meadhanan Mapaichean Cuimhneachain

Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne

Dùn Èideann (1943-1956)

'
Nuair a fhuair e seachad air na lotan cogaidh, thill Somhairle MacGill-Eain a Dhùn Èideann agus chaidh e air ais a theagasg ann an Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann an 1943.  An ath bhliadhna, 1944, thachair e ri Rìnidh Chamshron à Inbhir Nis, a bha gu bhith na companach dha fad a bheatha.   

Video

Phòs iad an Inbhir Nis air 24mh den Iuchar 1946, agus thòisich iad air am beatha còmhla an Dùn Èideann.  Thuirt caraid Shomhairle MhicGill-Eain, James B. Caird gur e an roghainn seo an rud a b' fhearr a rinn e riamh.  Bha James B. Caird a' teagasg ann am Peebles aig an àm, agus mhothaich e cho freagarrach is a bha iad air a chèile.

 Bha e dhen bheachd, le h-àbhachdas, le ciall dòigheil practaigeach agus a dòighean tlachdmhor, còmhla ris an luach a bha i a' cur air na nithean a b' fhearr anns a' bheatha seo, gu robh Rìnidh Chamshron na bean choileanta dha.  Aig an àm seo bha Somhairle MacGill-Eain gu mòr an lùib beatha litreachail Dhùn Èideann, agus bha e fhèin agus a bhean nan dlùth chàirdean do Sydney Goodsir Smith, an dà theaghlach a' fuireach anns an aon taigh ann an Craigmillar Park airson mu ochd mìosan deug, mus do ghluais Somhairle agus a bhean gu Atholl Place, far an robh iad airson ùine ghoirid - mu thrì mìosan.  Chaidh iad an uair sin gu Queen Street far an do dh' fhuirich iad airson ceithir bliadhna nuair a ghluais iad, a-rithist, gu St. Ninian's Terrace.  Seo cuideachd an t-àm anns an do sgrìobh e feadhainn de na dàin a b' fhearr a rinn e, gu sònraichte 'Hallaig' 's dòcha an dàn as trice air a smaoinich sinn co-cheangailte ris an-diugh.  Chaidh a sgrìobhadh eadar 1952 agus 1953, agus chaidh fhoillseachadh an toiseach anns an ràitheachan Gairm an 1954.  Bha dàin eile a' nochdadh ann an ràitheachain litreachail: 'Feasgar samhraidh: Linne Ratharsair' ann am Poetry Scotland (1949);'An Ceann Thall' anns a' chiad ràitheachan de Ghàirm (1952); agus 'Chunna mi long sa' Chaol Chanach' an Gairm (1954).  A' thuilleadh air na bha sin, bha e a' craoladh air rèidio agus gu tric a' dèanamh lèirmheasan.

'
An 1947 fhuair e àrdachadh gu bhith na Cheannard air Roinn na Beurla an Àrdsgoil Bhoroughmuir. Ged a bha e measail air an sgoil agus air na sgoileirean a bh' aige ann am Boroughmuir, bha e a’ sìor mhiannachadh tilleadh gu Taobh Siar na Gàidhealtachd agus thòisich e ri sireadh suidhichidhean teagaisg a bheireadh an cothrom sin dha. An 1956 chaidh àrdachadh gu bhith na Cheannard air Àrd-sgoil a' Phluic. Ghluais e dhan Phloc
anns a' Ghearran 1956 agus lean Rinidh, a bhean e, mu mhìos an dèidh sin.

Childhood in Raasay Childhood in Raasay


Dàin a rèir an ainm

Gailearaidh

Òige ann an Ratharsair Anns an Oilthigh Mu Choinneamh an t-Saoghail Dùn Èideann Am Ploc Toradh a Shàr-chomais Air Chluaineas
'
'
'
'
'
'
   
'