Tri Leòis
Dom dhùr-amharc bha thu ’nad reul
’s tu leat fhèin san iarmailt:
is thugadh dhut an dà leus
lem aigne thorrach ’s m’ iargain.
’S an uair sin bhoillsg thu le trì-
an-aon leus dìreach trianaid;
ach cha robh ’nam leòis dhian fhìn
ach clann do lìthe ’n iargain.
Bha mi feitheamh ris a’ bheum
a mhilleadh do rèim le chrìonadh;
ach thug mi dhut na trì dhut fhèin
an ceann rèis deich bliadhna.
Òir nam b’ iad mo leòis gin fhìn
a bheothaich lì ’nad lias-sa,
bu chinnt gun cailleadh iad am brìgh
le glasadh tìm deich bliadhna.
A shuilbhireachd ’s a chridhe chòir
’s sibh lòghmhor ann an aodann;
a mheallaidh cridhe ’s a mheallaidh sùla,
ur n-ìomhaigh rùin a h-aogas!
Cha b’ ann fada bha an tòir
a thug còrr ’s deich bliadhna
an uair a bha an fhaodail còrr
’s na dh’fhòghnadh dòchas sìorraidh.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil