Reic Anama
                              Bàrd a’ strì ri càs an  t-saoghail,
                                siùrsachd bhuadhan is an daorsa
                                leis na mhealladh mòr-roinn  dhaoine,
                                cha mhise fear a chanadh, shaoil  leam,
                                gun tugadh reic an anama  faochadh.
                              Ach thubhairt mi rium fhìn, ’s  cha b’ aon-uair,
                                gun reicinn m’ anam air do  ghaol-sa
                                nam biodh feum air brèig is  aomadh.
                                Thubhairt mi an deifir sin gun  smaointinn
                                gum b’ e an toibheum dubh ’s an  claonadh.
                              Do mhaitheanas dhomh airson na  smuaine
                                gum b’ thusa tè a ghabhadh  truaghan
                                de spiorad beag lag suarach
                                a ghabhadh reic, eadhon air  buadhan
                                t’ aodainn àlainn ’s do spioraid  uallaich.
                              Uime sin, their mi rithist,  an-dràsta,
                                gun reicinn m’ anam air do  sgàth-sa
                                dà uair, aon uair airson t’  àilleachd
                                agus uair eile airson a’ ghràis  ud,
                                nach gabhadh tu spiorad reicte  tràilleil.
                              * * * 
                              
                                
                                Sgrùd 
                                  liosta nan dàn a rèir na h-ama
                              Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil