Oidhche Chiùin
Thig am chomhair, oidhche chiùin,
gorm0-reultachd adhair agus driùchd,
ged nach glanar bho aon àird
bochdainn saoghail, gaoir na Spàinn;
oidhche is Maol Donn a’ seinn
ceòl mòr ciùine air a’ bheinn,
oidhche is mo ghaol ’na lì,
oidhche air nach fhaicear mi
lem shùilean fhìn, a chionn lànachd,
a’ cur dubhair air an fhàire:
thig am chomhair gorm, cruinn,
is cuiridh mi air dòigh gun shuim
gathadh ùrlair ciùil Maoil Duinn.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|