Mhic Gille Mhìcheil . . .
Mhic Gille Mhìcheil, ’s tric mi smaointinn
air gach faodail a fhuair thu;
agus do shaidhbhreas gach aon latha
gun charachd gheur, gun bhruaillean:
gun d’ fhuair thu àgh is sonas ceòlraidh
gun ghleac ri ònrachd ’s fuathas,
’s nach ann mar sin a bhitheas dhuinne
ri sgal guineach an fhuaraidh.
Ach, Alasdair Mhic Gille Mhìcheil,
thàinig gun strì dhomh luathghair
ann an geal‑mhaise aodann nìghne
a dh’aindeoin brìgh a bhuairidh:
agus air latha thàrladh dhòmhsa
ealaidheachd òir gun luasgan,
’s i coileanta, mar thàinig ortsa,
gun mheang, an Ortha Bhuadhach.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|