Curaidhean
Chan fhaca mi Lannes aig Ratasbon
no MacGillFhinnein aig Allt Èire
no GillÌosa aig Cùil Lodair,
ach chunnaic mi Sasannach san Èipheit.
Fear beag truagh le gruaidhean pluiceach
is glùinean a’ bleith a chèile,
aodann guireanach gun tlachd ann –
còmhdach an spioraid bu trèine.
Cha robh buaidh air ‘san taigh-òsta
’n àm nan dòrn a bhith gan dùnadh’,
ach leòmhann e ri uchd a’ chatha,
anns na frasan guineach mùgach.
Thàinig uair-san leis na sligean,
leis na spealgan-iarainn beàrnach,
anns an toit is anns an lasair,
ann an crith is maoim na h-àraich.
Thàinig fios dha san fhrois pheilear
e bhith gu spreigearra ’na dhiùlnach:
is b’ e sin e fhad ’s a mhair e,
ach cha b’ fhada fhuair e dh’ùine.
Chùm e ghunnachan ris na tancan,
a’ bocail le sgreuch shracaidh stàirnich
gus an d’ fhuair e fhèin mun stamaig
an deannal ud a chuir ri làr e,
beul sìos an gainmhich ’s an greabhal,
gun diog o ghuth caol grànda.
Cha do chuireadh crois no meadal
ri uchd no ainm no ga chàirdean:
cha robh a bheag dhe fhòirne maireann,
’s nan robh cha bhiodh am facal làidir;
’s cò-dhiù, ma sheasas ursann-chatha,
leagar mòran air a shàillibh
gun dùil ri cliù, nach iarr am meadal
no cop sam bith à beul na h-àraich.
Chunnaic mi gaisgeach mòr à Sasainn,
fearachan bochd nach laigheadh sùil air;
cha b’ Alasdair à Gleanna Garadh –
is thug e gal beag air mo shùilean.