Cuimhne air Alasdair MacNeacail,
Bràthair mo Mhàthar
’S mi coimhead a’ Chuilithinn à Corcal
agus an copar ’s an dearg
’s an dubh-ghlas gorm ’na bhrat-mullaich,
tha mo chuimhne ort ’s tu marbh.
Bha do chas air gach creagan
’s air gach bidean gorm ciar
a chionn gum b’ e Clàr Sgìthe ’n oighreachd
a bha ’nad roghainn-sa riamh.
Balla beàrnach a’ Chuilithinn
’na mhùr daingeann aig do spèis,
do bhrataichean air gach sgurra
’s do ghuth an osaig a speur.
A’ ghlac dhearg ’na grìosaich theine
eadar Glàmaig is Beinn Lì
’s tu fhèin ’s do chas air gach bearradh
’s do ghuth san t-sàmhchair gun strì.
Bha iad uile aig do spiorad –
Dùn Sgàthaich agus Uaimh an Òir –
ach b’ e Cuilitheann gorm an Eilein
am balla dìon a bha mud stòr.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|