Crìonnachd
Thuirt mo chrìonnachd ri mo chridhe
’n àm milleadh nan reul:
tha thu cur ri bòidhchid
a bhios gu d’ leònadh fhèin,
’s ann ortsa thig an claoidheadh
le maoim-shruth nan speur.
Laigh mo spiorad breòite
ann an ònrachd a phèin,
a’ plosgartaich ro uilebheist
nan tuiltean fuaraidh geur’,
is thachd a’ ghaoir aognaidh
an gorm-fhaoisgneadh treun.
Gun tuiginn fhìn an cràdhlot
a th’ anns a’ bhàthadh lom
agus brìgh a’ mhàbaidh
tha ’n gàirich nan tonn,
mur togadh tusa t’ aodann
chur caochlaidh air conn.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|