Creag Dallaig
Tha caochladh air an dùil ’s an dòchas,
is gun mhòran dòchais ann;
a’ ghrian air sneachda Creag Dallaig,
chan eil ciall ’na cainnt;
chan eil i ’g ràdha dad idir
ach gu bheil i ann,
agus thubhairt i sin cheana,
’s dh’fhàg i ’n imcheist ’nam cheann.
Tha mo chridhe air a’ bhearradh
agus leth dheth shìos,
is mo cheann a’ streap ’s a’ tuiteam
’s an crochadh air sgeilpe chaoil,
is mo chasan gun aon taice
ach mo chridhe ’s e fàs maol,
gun ghrèim coise aig an eanchainn
gu ròp a leigeil sìos ga thaobh.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|