Conchobhar
Chan fhàg mi san aon uaigh iad
fad fìn-shuaineach na h-oidhche,
a broilleach cìoch-gheal
ri uchd-san mòr geal
tre shìorraidheachd na h-oidhche,
a bheul-san ra beul, ra gruaidh
air cho fliuch ’s bhios ùir an tuaim:
b’ fhaide ’n oidhche na ’n Gleann Dà Ruadh,
bu luasgan cadal Gleann Èite;
bidh ’n oidhche fada, ’n cadal fòil,
gun dìth shùilean air na doill.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|