Chan eil anns a’ bhròn . . .
                              Chan eil anns a’ bhròn ach neoni
                                ’s chan eil anns a’ ghaol ach  bruan
                                fa chomhair nan reul a’  sgaoileadh
                                ’s an saoghal a’ dol ’na  chuairt.
                              Agus liuthad millean bliadhna
                                on thriall an Talamh ’na chaoir
                                agus liuthad millean iadhadh
                                a thug e le thriall air gaol.
                              Dè dhòmhsa a mhillean iadhadh,
                                dè dhòmhsa a chian‑chùrs’ aost’
                                a chionn nach toir e le  ghrian-leus
                                gnè shìorraidheachd do mo ghaol!
                              Seatadh e fad rèis a bhuantachd
                                tro chluaintean glasa nan speur
                                a chionn nach dealbhar le buaidh  e
                                ’na chumadh luaidhe dom chèill!
                              A chionn nach eil sùim dar  miannan
                                anns an iadhadh bhiothbhuan  chlaon,
                                chan eil mo shùim-sa ra cheudan
                                no mhilleanan sgeulachd gaoil.
                              Nam b’ urrainn aodann mo luaidhe
                                bhith àlainn is buan gu bràth,
                                bheirinn dùbhlan do Thìm le  bhuadhan
                                le nodhachd ’s le luathghair  fàis.