Ceann Loch Aoineart
Còmhlan bheanntan, stòiteachd bheanntan,
còrr-lios bheanntan fàsmhor,
cruinneachadh mhullaichean, thulaichean, shlèibhtean
tighinn sa bheucaich ghàbhaidh.
Èirigh ghleanntan, choireachan ùdlaidh,
laighe sa bhùirich chràcaich;
sìneadh chluaineagan, shuaineagan srùthlach,
brìodal san dùbhlachd àrsaidh.
Eachraidh bheanntan, marcachd mhullaichean,
deann-ruith shruthanach càthair,
sleamhnachd leacannan, seangachd chreachainnean,
srannraich leacanach àrd-bheann.
Onfhadh-chrios mhullaichean,
confhadh-shlios thulaichean,
monmhar luim thurraidean màrsail,
gorm-shliosan Mhosgaraidh,
stoirm-shliosan mosganach,
borb-bhiodan mhonaidhean àrda.