Calbharaigh
Chan eil mo shùil air Calbharaigh
no air Betlehem an àigh
ach air cùil ghrod an Glaschu
far bheil an lobhadh fàis,
agus air seòmar an Dùn Èideann,
seòmar bochdainn ’s cràidh,
far a bheil an naoidhean creuchdach
ri aonagraich gu bhàs.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|