An tè dhan tug mi . . .
An tè dhan tug mi uile ghaol,
cha tug i gaol dhomh air a shon;
ged a chiùrradh mise air a sàillibh,
cha do thuig i ’n tàmailt idir.
Ach tric an smuaintean na h-oidhch’
an uair bhios m’ aigne ’na coille chiair,
thig osag chuimhne ’gluasad duillich,
a’ cur a furtachd gu luasgan.
Agus bho dhoimhne coille chuim,
o fhreumhach snodhaich ’s meangach meanbh,
bidh ’n eubha throm: carson bha h-àille
mar fhosgladh fàire ri latha?
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|