An Tathaich
                                Tha aodann ga mo thathaich,
                                  ga mo leantainn dh’oidhche ’s latha:
                                  tha aodann buadhmhor nìghne
                                  ’s e sìor agairt.
                                Tha e labhairt ri mo chridhe
                                  nach fhaodar sgaradh a shireadh
                                  eadar miann agus susbaint
                                  a’ chuspair  dho-ruighinn,
                                nach tig tubaist air àilleachd
                                  a dh’aindeoin cinntinn nam fàilling
                                  a chionn gu bheil là aomte
                                  cho saor ri là màireach,
                                agus gu bheil an tràth seo
                                  os cionn gach caochlaidh ’s àicheidh
                                  a nì ceannairc èigheach
                                  ra rèim a-màireach,
                                a chionn gu bheil i ’n-dràsta
                                  gum bi ’cruth ’s a bith gu bràth ann
                                  agus nach urrainn caochladh
                                  a h-aonachd a mhàbadh,
                                gu bheil roghann miann na sùla
                                  cho biothbhuan ris na rùintean
                                  a ghabh an cumadh sìorraidh
                                  am briathran ùra,
                                gu bheil i cheart cho àghmhor
                                  ri ealain an dà Phàdraig
                                  ged nach cuir an cèill i
                                  ceòl rèidh no clach gheàrrte,
                                ’s ged nach fhaod clàr dealbha
                                  a cruth ’s a dreach a thairgsinn
                                  do na gineil ùra
                                  gun smùradh coirbte.
                                O aodainn, aodainn, aodainn,
                                  an caill, an caill thu ’n t-ioghnadh
                                  leis na ghlac do bhòidhche
                                  sòlas faoilidh?
                                Mur gabh clach no clàr do shamhladh
                                  dè nì ealaidh chiùil no ranntachd
                                  mur eil seòl an tràth seo
                                  chur an càs staimhte,
                                mur eil seòl air bacadh
                                  na h-uarach seo ’s a glacadh
                                  an gainmhich a’ chaochlaidh
                                  le faobhar acrach,
                                mun tog i na siùil ùra
                                  gu dìochuimhne air chùrsa
                                  ’s mun caillear a brèidean
                                  bho lèirsinn sùla?
                                O aodainn a tha gam thathaich,
                                  aodainn àlainn a tha labhairt,
                                  an triall thu leis an àm seo
                                  neo-ar-thaing t’ agairt?
                                Nuair chrìonas tasgadh gach cuimhne
                                  a bheir gaol no smuain no suim dhut,
                                  an caill thu mealladh t’ aonachd
                                  ’s tu faoin gun chuimhn’ ort?
                                Chan iarrainn-sa gu bràth dhut
                                  aon bhiothbhuantachd dot àilleachd
                                  ach na liùbhradh slàn i
                                  dìreach mar a tha i.
                                Chan iarrainn gnìomhachd a’ chiùil
                                  ’s e ioma-bhriathrach ri ùidh:
                                  chan iarrainn aon nì ùr
                                  nach fhaca mi fhìn ’nad ghnùis.
                                Agus cha tugadh clàr dathte
                                  do chuimhne ach aon aiteal
                                  ged chumteadh trian ded bhuadhan
                                  ’na thuar an tasgadh.
                                Mar sin, a thràth is aodainn,
                                  feumar ur cuideachd daonnan
                                  los nach bi ’n ceann na h-uarach
                                  buadhan aomte.
                                A thràth de thìm, nuair dh’fhalbhas
                                  do rèim mar an allacheo,
                                  dè am  breannachadh ùr-laist’
                                  don diùchd t’ fhalbhan?
                                O thràth de thìm, ’s na thrèigeas
                                  dhinne le do cheuman,
                                  càit a bheil an cùrsa
                                  bher ùidh dhuinn no sgeul oirnn?
                                Na bha, ’s na tha an-dràsta,
                                  ged mhaireadh iad gu bràth dhinn,
                                  ciamar thigeadh sgeul orr’
                                  bho chèin-thràighean?
                                Dè ’n t-sùil a nì am faicinn
                                  no chluas a nì an  claisteachd
                                  ’s iad air turas faondraidh
                                  bhàrr smaointean aigne?
                                Ciod e an ceathramh seòl-tomhais
                                  a bheir an àilleachd seo fa chomhair
                                  sùla, reusain no aon chàileachd
                                  thar fàsaichean glomhair?
                                Is dè a’ chàil thar chàiltean
                                  a mhothaicheas an àilleachd,
                                  nuair nach nochd sùil no cluas i,
                                  blas, suathadh no fàileadh,
                                ’s nuair nach bi i paisgte
                                  an cuimhne bheò  no ’m faisge
                                  ris na smuainteannan siùbhlach
                                  a dh’ùraicheas an tasgadh?
                                Mur faighear, air chor ’s gum mothaich,
                                  aon chàil eile no seòl-tomhais,
                                  am bi cruth no bith aig t’ àilleachd
                                  an àrainn tìme ’s domhain?
                                O aodainn a tha gam thathaich,
                                  a mhìorbhail a tha labhar,
                                  a bheil aon phort an tìm dhut
                                  no balla-crìch ach talamh?
                                O luathghair dhaonda chuimir,
                                  a bheil seòl-tomhais sa chruinne
                                  a bheir dhut barrachd slànachd
                                  na ceòl no clàr no luinneag?
                                Ma tha Arm Dearg a’ chinne
                                  an gleac bàis ri taobh an Dniepeir,
                                  chan e euchd a ghaisge
                                  as fhaisg’ air mo chridhe,
                                ach aodann a tha gam thathaich,
                                  ga mo leantainn dh’oidhche ’s latha,
                                  aodann buadhmhor nìghne
                                  ’s e sìor labhairt.