An t-Eilean
Thug thu dhomh an cuibheas luachmhor
agus beagan mheanmnachd bhuadhan,
spàirn, cunnart agus aighear suilbhir
air mullaichean garbh’ a’ Chuilithinn,
agus fodham eilean leugach,
gaol mo chuideachd, mire ’n lèirsinn,
an seachdnar is càch am Port Rìgh,
iomairt spioraid ’s eanchainn; strì
chaman Sgitheanach air budha na h-aibhne,
mire-chatha, comann aoibhneach;
is oidhcheannan an Aodainn Bhàin,
bòidhchead, òl is annas bhàrd,
geurad, èisgeachd, èibhneas làn,
an aigne Sgitheanach aig a bàrr;
is oidhcheannan air ruighe Lìondail,
an t-Eilean mòr ’s a mheallan lìontach
’nan laighe sìthe anns a’ chiaradh,
glaisneulach gu bristeadh iarmailt.
O Eilein mhòir, Eilein mo ghaoil,
is iomadh oidhche dhiubh a shaoil
leam an cuan mòr fhèin bhith luasgan
le do ghaol-sa air a bhuaireadh
is tu ’nad laighe air an fhairge,
eòin mhòir sgiamhaich na h-Albann,
do sgiathan àlainn air an lùbadh
mu Loch Bhràcadail ioma-chùilteach,
do sgiathan bòidheach ri muir sleuchdte
bhon Eist Fhiadhaich gu Àird Shlèite,
do sgiathan aoibhneach air an sgaoileadh
mu Loch Shnitheasort ’s mun t-saoghal!
O Eilein mhòir, m’ Eilein, mo chiall,
’s iomadh oidhche shìn mi riamh
ri do thaobh-sa anns an t-suain ud
is ceò na camhanaich gad shuaineadh!
Is gràdhach leam gach bileag fraoich ort
bho Rubha Hùnais gu Loch Shlaopain,
agus gach bileag roid dhomh càirdeach
o Shròin Bhiornaill gus a’ Ghàrsbheinn,
gach lochan, sruth is abhainn aoibhneach
o Ròmasdal gu Bràigh Aoineart,
agus ged a nochdainn Pàrras,
dè b’ fhiach a ghealach-san gun Bhlàbheinn?
Eilein Mhòir, Eilein mo dheòin,
Eilein mo chridhe is mo leòin,
chan eil dùil gum faicear pàighte
strì is allaban a’ Bhràighe,
is chan eil cinnt gum faicear fiachan
Martarach Ghleann Dail ’s iad dìolte;
chan eil dòchas ri do bhailtean
èirigh ard le gàire ’s aiteas,
’s chan eil fiughair ri do dhaoine
’s Aimeireaga ’s an Fhraing gam faotainn.
Mairg an t-sùil a chì air fairge
eun mòr marbh na h-Albann.