An Ìomhaigh
An uair a thuig mi ’n t-uabhas:
gu robh a colainn air dhol aog
’s i tioram millte màbte,
rinn mi ìomhaigh dhe mo ghaol;
cha b’ i an ìomhaigh shocair
a chuireadh bàrd air sgeilpe ’n tùr
ach tè a chinneadh mòr san Fhàsaich,
far am biodh an fhuil ’na bùrn.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|