An Dithis
Tha sinn còmhla, a ghaoil,
leinn fhìn ann an Dùn Èideann,
is t’ aodann suaimhneach còir
a’ falach leòn do chreuchdan.
Tha agamsa mar chuibhreann dhìot
ceann grinn is colainn reubte.
Is beag mo thruaighe-sa a-nochd
seach olc do cholainn creuchdaich,
ach le do thruaighe-sa tha m’ ghaol
air dhol ’na chaoir ghil leumraich,
a’ losgadh am bruaillean mo chinn
mo chuimhne air an tèile,
air tè nas rathaile ’s nas bòidhche
’s i pòsta thall an Èirinn.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|