An Cogadh Ceart
                                Tha mi falbh don chogadh cheart
                                  ’s cha thill mi às a-chaoidh:
                                  chan urrainn dhut mo phòsadh
                                  leis an leòn a tha ’nad chom.
                                Chan urrainn dhomh do phòsadh,
                                  a ghaoil, chan urrainn dhomh:
                                  bha an Gall òg romham
                                  is rinn e ’n dò-bheart olc.
                                Rinn e ’n t-ainneart air do cholainn,
                                  àmhghar do-labhairt ar bròin,
                                  air chor ’s nach  eil thu ’n comas laighe
                                  le fear eile ri do bheò.
                                Ach pòsaidh sinne, ’ghaoil ghil,
                                  ann an eaglais fhaoin na brèige
                                  air eagal ’s gum bi ’n saoghal
                                  glè aognaidh mu do chreuchdan.
                                Cha tèid mi gu do leabaidh fhuair,
                                  cha bhiodh, a luaidh, sin feumail;
                                  ’s ann a gheibh mi leabaidh thuim
                                  san Fhàsaich thìorail ghrèine,
                                  no leabaidh ghreabhail ann an clais,
                                  an Libia no san Èipheit.
                                Do dhìleab comhartachd mo ghaoil:
                                  is beag i ach is feumail.