An Clogad Stàilinn
‘The innocent and the beautiful
Have no enemy but time.’
W. B. Yeats
Bha dùil leam gun do chreid mi bhuatsa
briathran cuimir an duain ud;
agus ar leam nach do shaoil mi
gum faicinn aomadh an cluaine.
Ach thuig mi gum b’ fhaoin do smuain-sa
nuair chunnaic mi an Diluain sin
lem shùilean fhìn an clogad stàilinn
air ceann àlainn mo luaidhe.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|