Am Mùr Gorm
Mur b’ e thusa bhiodh an Cuilitheann
’na mhùr eagarra gorm
a’ crioslachadh le bhalla-crìche
na tha ’nam chridhe borb.
Mur b’ e thusa bhiodh a’ ghaineamh
tha ’n Talasgar dùmhail geal
’na clàr biothbhuan do mo dhùilean,
air nach tilleadh an rùn-ghath.
’S mur b’ e thusa bhiodh na cuantan
’nan luasgan is ’nan tàmh
a’ togail càir mo bhuadhan,
ga cur air suaimhneas àrd.
’S bhiodh am monadh donn riabhach
agus mo chiall co-shìnt’ –
ach chuir thusa orra riaghladh
os cionn mo phianaidh fhìn.
Agus air creachainn chèin fhàsmhoir
chinn blàthmhor Craobh nan Teud,
’na meangach duillich t’ aodann,
mo chiall is aogas rèil.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|