Am Mac Stròidheil
Chan eil fhios agamsa fhathast
am b’ e ’n t-àrdan no an gaol
a dh’fhàg mo ghibht cho stròidheil
’s gun thu sìnte ri mo thaobh.
Nuair bha do cholainn-sa ’na truaghan,
sin an uair a leig mi ’n t-srian
mu amhaich chruinn an àigich bhrais ud,
Òir thàinig stad air ruathar mhiann.
’S ann chaidh m’ fheòil ’na bruaillean spioraid
nuair bha do cholainn-sa gun chlì:
thug mi dhut an t-anam àlainn
nuair a chnàmh do cholainn chrìon.
’S gum b’ e siud an aisling chonnain
a bh’ aig mo spiorad riut sna neòil,
’s tu laighe mar rium anns na speuran
nuair thrèig an tairbhe bha ’nat fheòil.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|