Am Buaireadh
Cha do chuir de bhuaireadh riamh
no thrioblaid dhian ’nam chrè
allaban Chrìosda air an talamh
no milleanan nan speur.
’S cha d’ ghabh mi sùim de aisling bhaoith –
coille uaine tìr an sgeòil –
mar leum mo chridhe rag ri tuar
a gàire ’s cuailein òir.
Agus chuir a h-àilleachd sgleò
air bochdainn ’s air creuchd sheirbh
agus air saoghal tuigse Lenin,
air fhoighidinn ’s air fheirg.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|