|  
                                Alasdair MacLeòid (Latha no dhà mun do thòisich  ‘Batal Knightsbridge’,chuala mi gu robh e air chall  san Luingis-adhair.)
 Eadar Tobruch is Bior Haicheim,ged bha ’m bristeadh ’nar n-armailt,
 bu tric bha mo smaoin ort
 ’s tu air chall anns a’  Ghearmailt
 no san Fhraing ’s tu gun fhios  ort,
 fhir mhisneachail mheanmnaich,
 ’s tu cho còir agus uasal,
 cho dàna is dealbhach.
 Cha do thog an Tìr LeòdachLeòdach no eile
 a thug bàrr air an òigear
 ’s e cho èibhinn is sgoinneil,
 agus dùbailt an càirdeas
 ri seòrsa mo dhaoine:
 mo chreach as motha dhen bhlàr  seo
 do cheann bàn bhith air  faondradh.
 | 
                      
                        | * * * 
 
 Sgrùd 
                            liosta nan dàn a rèir na h-ama
 Sgrùd 
                            liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil 
 |