|  
                                  A’ Chorra-ghridheach
                                 
                                  
                                    | Gealach fhann bhuidhe air fàire, |  
                                    |  | cridhe ’n fhuinn  gun phlosgadh gàire, aognaidheachd a’  deanamh tàire
 air uinneagan òir  an cuan snàgach.
 |  
                                  
                                    | Cha ghrinneas anfhann na gealaich |  
                                    |  | no maise  fhuaraidh na mara no  baoth-sgeulachd onfhaidh a’ chladaich
 tha nochd a’  drùdhadh air m’ aigne.
 |  
                                    | 
                                      
                                        | Anfhannachd  an strì,
 aognaidheachd  am brìgh,
 gealtachd  anns a’ chrìdh,
 gun  chreideamh an aon nì.
 
 |  |  
                                  
                                    | Thàinig corra-ghridheach ghiùigeach, |  
                                    |  | sheas i air  uachdar tiùrra, phaisg i a  sgiathan dlùth rith’,
 a’ beachdachadh  air gach taobh dhith.
 |  
                                  
                                    | ’Na h-aonar ri taobh na tuinne |  
                                    |  | mar thuigse  leatha fhèin sa chruinne, a ciall-se mar  chèill an duine,
 cothachadh lòin  meud a suime.
 |  
                                  
                                    | Inntinn luasganach a’ sireadh, |  
                                    |  | feòil as  luainiche air tilleadh, luasgan is cadal  gun drithleann,
 ceòl is  bruaillean is tràth mire.
 |  
                                  
                                    | Tràth na mire an tràth shoilleir |  
                                    |  | thig à eanchainn  chiar na doille, bristeadh fàire  air an t-sealladh,
 faite dìoclaidh  anns a’ mhealladh.
 |  
                                  
                                    | ’S i air clachan loma tràghad |  
                                    |  | ag amharc  sleamhnachd cuain neo-bhàrcaich, ag èisteachd ris  an t-slugadh-mhara
 is sàl a’  suathadh air na clachan.
 |  
                                  
                                    | Leatha fhèin am meud na cruinne |  
                                    |  | ge mòr a  cleamhnas do-ruighinn, sa bristeadh  oirre às an doilleir
 sitheadh an dè  ghuirm shoilleir.
 |  
                                  
                                    | Mise mar riut ’s mi ’nam ònar |  
                                    |  | ag amharc fuachd  na linne còmhnaird, a’ cluinntinn  onfhaidh air faoilinn
 bristeadh air  leacan loma ’n t-saoghail.
 |  
                                  
                                    | Ciod mo smuain-sa thar a smuain-se: |  
                                    |  | àilleachd  gealaich is cuain luainich, biadh is cadal  agus bruadar,
 eanchainn, feòil  agus buaireadh?
 |  
                                  
                                    | A h-aisling mhire le aon shitheadh |  
                                    |  | tighinn ’na  h-aimsir gun chrìonnachd, gun bhròn, gun  teagamh, ach aon mhireadh,
 lagh dìreach  neo-cham corra-gridhich.
 |  
                                  
                                    | M’ aisling-sa air iomairt truaighe,
                                     |  
                                    |  | briste, cam, le  lainnir buairidh, ciùrrte,  aon-drithleannach, neo-shuairce,
 eanchainn, cridhe  ’s gaol neo-shuaimhneach.
 |  * * * 
 
 
 Sgrùd 
                                    liosta nan dàn a rèir na h-ama
 Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil 
    |