A’ Choille Ghrod
On tha a’ choille crìon leagte
dè a’ bhuaidh th’ air an smuain eagnaidh?
Agus on chailleadh an t-èibhneas
thug an gaol, chan eil gnè feuma
ann a bhith càrnadh nan smuaintean
nach gluais le chèile an uabhar.
Ged chuirinn-sa an cèill am beothach
san aonagraich anns a’ bhoglaich,
air an allaban gun dòchas,
an deuchainn cridhe agus feòla,
an sàs rè na h-oidhche craingidh –
dè sin dhe mo dhùil is m’ annsachd?
Ged chuirinn an cèill an iolair
an eisimeil spìocaireachd iodhlainn
is gach culaidh-thruais ’s cuis-bhùrta
rinn Nàdar no duine, an t-ùmaidh,
mar rinn Nekrassov no Shakespeare,
cha dèanainn uaill às mo lèirsinn.
Cha mhò ged chuirinn am briathran
drùidhteach coileanta gach Crìosda
dan robh bith, no ’n inntinn cholgach
mheanmnach chòir a thill bhon Bholga
a’ bhiast bu mhiosa dhe na bèistean
a rinn murt, an-iochd is lèir-chreach.
Cha mhò chuireas mi ’nar cànain
mo leòr dhen luathghair ’s dhen àrdan,
an leòr a shaoil mi bhiodh buadhmhor
fhad ’s a mhaireadh ceann mo shuaimhneis;
air na chuireas mi an Gàidhlig,
cha chuir mi innt’ mo roghainn àille.
Agus chan e ’n càs do-labhairt
tha a-nis an grèim air m’ amhaich,
an càs a thachd mi an toiseach,
on chinn m’ àmhghar is mo bhoile,
’s a chuir gu luaithre mo luathghair –
ach cuis-bhùrta de rud suarach.