Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne
Bàrdachd
separator
 
Eachdraidh-beatha Bàrdachd Sgrìobhaidhean Lèirmheasach Leabhar-chlàr Companaich Litreachail eadar-nàiseanta Foillsichidhean Duaisean agus Urraman Clàr-eachdraidh
img
Urras Shomhairle
An t-Urras
Eachdraidh
Na h-Urrasairean
Obair an Urrais
Bòrd Stiùiridh
Partners Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Sabhal Mòr Ostaig Scottish Arts Council Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig
Naidheachd Gailearaidh Meadhanan Mapaichean Cuimhneachain

Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne

Anns an Oilthigh (1929-1933)


'
An 1929, agus e air Farpais Bursaraidh na h-Oilthigh a chosnadh, chaidh Somhairle MacGill-Eain gu Oilthigh Dhùn Èideann.  Nuair a ràinig e anns an Fhoghar 1929, cha robh e fhathast cinnteach an dèanadh e Ceiltis, no Eachdraidh no Beurla. 
 
video
Roghnaich e Beurla a dhèanamh, agus cheumnaich e ann an Cànan is Litreachas na Beurla le Urram aig a' Chiad Ìre an 1933, ged nach robh e an dèidh làimhe cho cinnteach gun do rinn e an roghainn cheart.  Aig a ' cheann thall 's e cothroman cosnaidh a stiùir an roghainn a rinn e, seach nach robh ceum ann an Ceiltis a-mhàin a' gealltainn nan cothroman sin dha. 

Thuirt e an dèidh làimhe: 'Man àm an robh mi anns an dàrna bliadhna, bha aithreachas mòr orm gu robh mi a' dèanamh ceum ann am Beurla.  Cha robh ùidh agam ach ann am bàrdachd agus dìreach ann an cuid de bhàrdachd aige sin.  Cha robh ùidh agam ann an rosg agus bha aithreachas orm nach do rinn mi Ceiltis le Urram.'

Thàinig Somhairle MacGill-Eain fo bhuaidh an Àrd-ollamh Herbert Grierson (1866-1960), Àrd-ollamh Regius Litreachas na Beurla bho 1915 gu 1935, ann an Roinn na Beurla, agus aig an àm seo bha am bàrd òg a' sgrìobhadh ann am Beurla agus ann an Gàidhlig.   Bha e air a bhith fo bhuaidh litreachail Blake, Shelley agus bàird Chlasaigeach na Ròimh agus na Grèige roimhe seo, ach leig e sin seachad agus ghabh e ùidh anns a' bhàrdachd aig John Donne, T.S. Eliot agus Ezra Pound.  Bha e fhèin a' faireachdainn gu robh na dàin a bha e a' sgrìobhadh ann am Beurla 'ro fhèin-mhothachail', agus gu robh na bha e a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig na b' fhearr.  An 1931, sgrìobh e mu fhear de na dàin thràth Ghàidhlig aige 'A' Chorra-ghridheach': 'Shaoil mi gu robh e na b' fhearr na an stuth Beurla agam, agus air an adhbhar sin - ach cuideachd airson adhbharan gràdh-dùthchasach - stad mi sgrìobhadh bàrdachd ann am Beurla agus fhuair mi cuidhteas a h-uile sgath den stuth Beurla air an robh sgeul agam.'  Bha e air cur às don chuid mhòr den bhàrdachd Bheurla aige mus robh e fichead bliadhna dh' aois.  Nochd an aon phìos Beurla a bha ri lorg ann am Private Business, leabhran beag a dheasaich David Daiches, agus a dh' fhoillsich Comann Litreachas na Beurla Oilthigh Dhùn Èideann an 1933.

'

Fhad ’s a bha e anns an Oilthigh, bha Somhairle MacGill-Eain na bhall de Chomann Làbarach Oilthigh Dhùn Èideann.  Dhùisg a cheanglaichean ris a' Ghàidhealtachd agus buaidh nam Fuadaichean anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Ratharsair faireachdainnean làidir poilitigeach ann, agus còmhla ris na bha a' tachairt anns na 1930an, dhaingnich sin a' ghràin a bh' aige air Faisisteachd. 

A thaobh càirdeas, tha e coltach gu robh e an lùib buidheinn shònraichte de Ghàidheil a bha an Dùn Èideann aig an àm, na measg na bràithrean Aonghas agus Uilleam MacMhathain, agus James Carmichael Watson.

An 1933, a' bhliadhna mu dheireadh aige anns an Oilthigh, fhuair Somhairle MacGill-Eain eòlas air George E. Davie ( a sgrìobh The Domocratic Intellect agus a bha na òraidiche Feallsanachd an Oilthigh Dhùn Èideann) agus James B. Caird (a bha, an dèidh làimhe, na Sgrùdaire Sgoiltean) agus stiùir iadsan e air bàrdachd Ùisdein MhicDhiarmaid. Bha deagh bhuaidh aig an dhithis fhear air: 'Bha George Davie gu sònraichte fiosrachail mu iomadach seòrsa gnothach an Alba, agus bha ùidh aige gu h-àraid ann an smaoineasan agus bha am fiosrachadh aige farsaing; 's e duine air leth, tha mi a' smaoineachadh, a bh' ann an Caird, mar a thuirt mi, an dà chuid a thaobh litreachais agus rud ris an canainn-se mothachas'. Bha dà rud gu sònraichte a thug buaidh mhòr air - an t-eòlas a fhuair e, tron dithis charaid, George E. Davie agus James B.Caird air na liricean a bu tràithe aig Ùisdean MacDhiarmaid, agus cuideachd e fhèin a bhith a' leughadh The Defence of Poetry le Benedetto Croce agus 'dhaingnich e mo bheachd ann an àrd-cheannas na liric agus gnè liriceach na bàrdachd'.

An dèidh ceumnachadh, chuir e seachad bliadhna aig Moray House - Colaisde Thrèanadh Thidsearan - agus 's ann fhad ’s a bha e aig Moray House a thachair Somhairle MacGill-Eain ri Ùisdean MacDhiarmaid airson a' chiad uair, agus thòisich dlùth chàirdeas eatarra a bha gus maireachdainn gun do chaochail MacDhiarmaid an 1978.  An 1934, nuair a thachair an dithis aca, bha ùidh aig MacDhairmaid mar thà ann am bàrdachd Ghàidhlig, agus goirid an dèidh dhaibh tachairt, dh' aontaich Somhairle MacGill-Eain feadhainn de na dàin aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir eadar-theangachadh do MhacDhiarmaid.  As t-Foghar 1934 agus e air crìoch a chuir air oideachas, thill Somhairle MacGill-Eain dhan Eilean Sgitheanach.


Dàin a rèir an ainm

Gailearaidh

Òige ann an Ratharsair Anns an Oilthigh Mu Choinneamh an t-Saoghail Dùn Èideann Am Ploc Toradh a Shàr-chomais Air Chluaineas
'
'
'
'
'
'
   
'