Sorley MacLean    
 

Dàn na Mìos


’S e ‘Hallaig’ dàn nam mìos seo. Tha an dàn drùidhteach, lèirsinneach seo mu dheidhinn Hallaig, fear de na bailtean a chaidh fhuadach ann an Ratharsair. Chaidh a sgrìobhadh le Somhairle MacGill-Eain an 1952, agus chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an Gairm an 1954.  Seo an dàn is dòcha as eòlaiche air a bheil daoine a-mach às a’ bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain air fad. An 2002 dh’ fhoillsich Urras Shomhairle eadar-theangachadh de ‘Hallaig’ leis a’ bhàrd Èireannach a choisinn Duais Nobel, Seamus Heaney, 

Thuirt an sgoilear cliùiteach Gàidhlig, an t-Ollamh Iain MacAonghais mu ‘Hallaig’: ‘Tha rudeigin den mhothachadh dhualchasach a tha a’ ceangal daoine agus dealbh-tìre ri chèile ann an aon àrainneachd daonnta, fhathast beò ann an sealladh a’ Ghàidheil den t-saoghal, agus ’s ann às a tha ‘Hallaig’ a’ tarraing cuid de neart agus de thiamhaidheachd. Ach tha lèirsinn Romansach an dàin a’ cheart cho follaiseach. ’S e rinn Somhairle MacGill-Eain an seo, mar a rinn e an àiteachan eile na bhàrdachd,  gun tug e gu chèile na h-eileamaidean eadar-dhealaichte sin bho dà chultar ann an dòigh a tha gu tur ùr, anns a’ bheil faireachdainnean a tha seòlta agus cumhachdach, neo-mhaonach, agus Gàidhlig gu h-iomlan.  Mar thoradh air a shàr-chomais, tha an dòigh anns a’ bheil an Gàidheal a’ meas na h-àrainneachd, agus na faireachdainnean Romansach a thaobh co-chomann ri Nàdar, a’ tighinn còmhla ann an aon lèirsinn, ann am mothachadh co-aonta.’( Iain MacAonghais, ‘Sorley MacLean’s Hallaig: a note’, an Dùthchas nan Gàidheal: Selected Essays of John MacInnes, deas. Michael Newton. Dùn Èideann: Birlinn Earranta, 2006, td. 420.