Sorley MacLean


Màiri NicMhathain (Màiri ’ain ’ic Sheumais) agus a h-ogha Iain, c.1912. Bha Màiri NicMhathain, seanmhair Shomhairle air taobh athar, na seanchaidh sònraichte math. Thug an teaghlach aice leotha mòran de na seann òrain a bhuinneadh do Chinn t-Saile agus do Loch Aillse agus b’ aithne dhi cuideachd mòran òrain a bhuinneadh do na ceàrnaidhean sin den Eilean Sgitheanach anns an robh an teaghlach a’ còmhnaidh. Tha Somhairle MacGill-Eain ag aideachadh cho cudromach is a bha a sheanmhair na bheatha: “ Tha mi am beachd gur e a’ chiad chuspair ealain a thug buaidh orm ’s e a bhith ag èisteachd ri màthair m’ athar a’ seinn feadhainn de na sàr òrain Ghàidhlig agus a h-uile fear aca le a dreach dualchasach fhèin air”. (Teaghlach ChlannMhicGill-Eain)